Skip to main content

Full text of "Uisge na beatha"

See other formats










! -rr' 



$^X 






iC.n 



LIST OF GAELIC BOOKS 

And Works on the Highlands 

PUBLISHED AND SOLD BY 

MAOLAOHLAN & STEWART, 

BOOKSELLERS TO THE UNIVERSITY, 

63 & 64 SOUTH BRIDGE, EDINBURGH. 



A liberal discount allowecL on orders for exportation 
or for private circulation. 



M*Alpine's Gaelic and English Pronouncing Dic- 
tionary, with Grammar, 12mo, doih, 
... Ditto ditto, lif.-hound calf, 

... Gaelic and English, separately, clotli, 
. . . English and Gaelic, separately, cloth, 

M^Leod and Dewar's Gaelic Dictionary, cloth, ... 



AUeine's Alarni to the Unconverted, 

Saint's Pocket Book, cloth, Is. sewed, 

Almanac for 1875, in Gaelic, 

An T-Oranaiche, Ì)y Sinclair, {in parts), each, ... 

Assurance of Salvation, 18mo, sewed, 

Baxter's Call to the Unconverted, 18mo, cloth, ... 

. . . Saint's Rest, translated by Rev. J. Eorbes, 
Beith's Catechism on Baptism, 18mo, sewed, ... 
Bible in Gaelic, 8vo, strongly hound in calf, 
Blackie's (Prof.) Language and Literature of the 

Scottish Highlands, 8vo, c/o^/i, 

Boston's Fourfold State, 12mo, cloth, 

Bonar's (Rev. Dr H.) Christ is AU, 18mo, sewed, 

... God's Way of Peace, 
Buchannan (Dugald) of Rannoch's Life and Con- 
version, with his Hymns, 18mo, cloth, 

... The Hymns, separately, 18mo, sewed, ... 
Bunyan's Come and Welcome, 18mo, cloth, 

. . . World to Come, or Visions f rom Hell, cloth, 



9 





11 





5 





5 





10 


6 


1 


6 





6 





6 


1 


6 





6 


1 


6 


2 


6 





1 


7 


6 


6 





4 








3 


1 





2 








3 


2 





1 


6 



64 South Bridge, Edlnhurgh. 



Gaelic Books Sold hy Madacìilan and Steivart. 



Bunyan's Grace Abounding, 18mo, cloth, 

'Pilgrìm^ s Frogress, {three parts) cloth, ... 
WsLÌev oi'Liie, cloth, 
Sighs from Hell, ISmo, c/o«^/i, 
Heavenly Footman, 18mo, c^o^^A, ... 
Burder's Village Sermons, 18mo, cloth, ... 
Catecliism, Sliorter, Id. Gaelic and Englisli, 
Mother's, Id. Gaelic and English, 
Brown's Shorter, f or Young Children, 
Conf ession of Faith, f cap. 8vo, cloth, 
Dairyman's Daughter, sewed, 
Dàn an Deirg agus Tiomna Ghuill (Dargo and 
Gaul), with a new Translation, JSTotes, and 
Introduction, by C. S. Jerram, 
Dewar's (Rev. Dr) The Gaelic Preacher, 8vo, ... 
Doctrine and Manner of the Church of Rome, . . . 
Doddridge's Bise and Progress, 12mo, cloth, 
Dyer's Christ's Famous Titles, 18mo, cloth, 
Earle's Sacramental Exercises, 18mo, cloth, 
Edwards' (Pev. Jonathan) Sermon, sewed, 
Elegy oiy^.j^mi^sild of Ferrintosh, 12mo, ... 
English/^ems, witÌ^t^aelic Translations, ar- 
ranted^tò %^feite»*]j)ages, 12mo, Paì^t 2, ... 
Finlaysoìi, (R^y. R.^):^ief Sketch of the Life of, 

by Ilev.-J-.*.|^^p&erson, 18mo, cloth, 
Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth, 
Forbes' (Rev. J.) Baptism and the Lord's Supper, 
. . . An Lochran : Dialogues regarding the 

Church, ... 6 

. . . Long Gheal : The White Ship ; a Spiritual 

Poem, ... ... ... ... ... Q 4 

Gael (The), a Monthly Gaelic Magazine, bound in 

cloth for 1873, 74, 75, and 76, each, ... ^ " 

The same in Numbers, Monthly, each, . . . 
Gaelic First Book, 18mo, 2d. ; Second do., 
Gaelic Spelling-Book, 18mo, cloth, 
Gaelic Tracts, 50 different kinds, sorted, f or 

Gaelic Tracts, 8 sorts, 100 for 

Grant's (Rev. Peter) Hymns, 18mo, cloth, 
Guthrie's Christian's Great Interest, 18mo, clotli, 
Hall's (ISTewman) Come to Jesus, ... 



s. 


d. 


2 





2 


6 


1 





2 





1 





1 


6 





2 





2 





1 


2 


6 





4 


2 


6 





4 





3 


3 





2 


6 


1 


6 





2 





6 


1 


6 


1 





1 








4 






6 





4 





6 


2 


6 


1 





1 


6 


2 








6 



6^ Soutli Bridgey Edinhurgh. 



National Library of Scotland 

■iiiiiiiiiii 

*B000501637* 



V 

THE 



WATER OF LIFE. 



JOHN BUNYAN. 



" And whoìioever wiU, let him take the water of life fretly ' 
Hev. xxii 17. 



EDINBURGH : 
MACLACHLAN AND STEWART. 



MDCCCLXXV^. 



UISGE NA BEATHA. 



LK 



lAIN BUINIAN. 



' iigiis ge b'e iieach leis an àill, gabhadh e uisge na be^itha 
gu saor.**— Tais. xxii. 17. 






DUNEIDEANN : 

MAC-LACHUINN AGUS STIUBHARD. 



MDCCCLXXV. 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/uisgenabeatha1875buny 



LITTIR DO N LEUGHADAIR. 
A LEUGHADAIR SHUAIRCE. 

Thug mi nìse dhut gnè do theagasg mu 
thimchioll uisge na beatha agus a bhuaidhean, 
uime sin faodaidh tu, (ma's e do thoil), 
"Teisteas lain Buinian air uisge'beatha a 
Mhaighistear fèin" a ghairm do'n leabhar^so ; 's 
cinnteach nach d'innis mi uiP oirdhearr ^ts a 
bhuaidhean, no nàdur gu h-iomlan, oir cha-n 
urrainn sin a bhi deante le peann no teang- 
annan dhaoine no ainglean. Ach fòs, tha 
mi 'g ràdh so, agus le so a ràdh,tha mi 'g ràdh 
na fìrinn, ge be neach a dh'òlas do 'n uisge so, 
gu 'm faigh se e 'na thobar uisg' ann fèin ; agus 
cha n e sin a mhain ach 'na thobar a'sruthadh 
suas a chum na beatha maireannaich, cia b'e 
sam bith tinneas a bhios air. 

Ach mar is gnàth le daoine 'nuair a bhios 



VI DON LEUGHADAIR. 

iad a* craobh-sgaoileadh cliù cungaidh-leighis : 
a bhi 'g ainmeachadh muinntir do 'n robh e 
'na mheadhon slàinte, dh' f haodainnse mar an 
ceudna (mar b*e gu'm beil sin air a dhean- 
amh cheana anns a' Bhìoball le peann 
neo-mhearachdach,) cunntas a thoirt dhut 
air àireamh, seadh àireamh do-àireamh a 
bha, cha n-e mhain air an toirt beò leis, 
ach a bhios beò gu sìorruidh le òl do'n 
uisge bheò so, agus do 'n uisge fiorghlan so na 
beatha. Tha mòran dhiù sin an dràsta gun 
amharus, air an atharrachadh uainne, agus tha 
ìad beò a nise far nach ruig sinn air labhairt 
riù, ach tha iom^dh fathast beò is urrainn 
cunntas a thoirt dhut air mar a bha iad air 
an leighis o'n galaraibh spioradail le òl do 'n 
uisge so. 

A mhain, ma's math leat òl deth, òl leis fèin 
e, agus a chum 's nach bi thu air do mhealladh 
leis a sin a ta mearaehdach, gabh eòlas air mar 
a ta e teachd a mach o làimh an Tighearna, 
gun mheasgadh, fiorghlan, agus soillear mar 



DO N LEUGHADAIR. Vll 

chriostal. Tha fhios agam gu'ni beil mòran 
mhealltairean ann *san t-saoghal a ta gabhail 
orra gu'm beil an t-uìsge so aca fèin r'a reic. 
Ach 'se mo chomhairle-sa dhut-sa, dol dìreach 
chum na rìgh-chathrach thu-fèin, mar a ta air 
iarraidh ort dol a chum nan uisgeachan, agus 
an sin bithidh tu cinnteach gu 'm bi sin a ta 
ceart, agus sin a ta math agad, agus an nì 
sin a ni gu cinnteach slàn thu, cia be sam bith 
eucail no trioblaid a ta thu fulang. Air 
son a phrìs, na gabh ciiram deth sìn, oir tha 
e saor gu leòir, gheibhear e gun airgead agus 
gun luach. " Bheir mi/' deir Dia agus an 
t-TJan " dhasan air am beil tart tobar do 
dh' uisge na beathagu saor," (Tais. xxi.6.) Uime 
sin a ta e 'g ràdh a rithist, ^' Ge b'e neach leis an 
àill, gabhadh e uisge na beathagu saor ;" (caib 
xxii. 17.) air chòr 's nach eil aobhar sam bith 
agad gu fuireach air t' ais air son thu bhi bochd, 
ni h-eadh, ach 's ann do na bochdan a ta e air 
uilachadh, agus air fhosgladh suas ; 's ann do na 
bochdan a ta e air a thairgse, faodaidh nn 



v>>i i>o'n leughadair. 

bochdan agus na feumaich e bhi ac' a nasg- 
aidh agus gun luach. Isai. xli. I7, 18. 

Ach na cuir suarach e, chionn 's gu'm 
beil e air a thairgse dhut air son cumhachan 
cho saibhir, agus cho saor. Oir tha thu tinn 
agus tinn a chum bàis, mar òl thu dheth, agus 
cha n-eil ni san bith is urrainn do dheanamh 
slàn ach an t-uisge so. Soraidh leat, agus 
gu'm a h-ann a bhios an Tighearna 'na lèigh 
dhut, mar a ghuidheas do chairid. 

lAIN BUINIAN. 



MU THIMCHIOLL ABHAINN 
UISGE NA BEATHA. 



Agus dh'fheuch e dhomh abhainn fhiorghlan 
do dKuisge na heatha, soilleir mar chriostal, 
a* teachd a mach à rìgh-chathair Dhè, agus 
an Uain, — Tais. xxii. I. 

Tha na briathran so 'nan earrann de 'n 
chunntas a thug aon do na seachd ainglean aig 
an robh na seachd soithichean làn do na seachd 
plàighean deireannach do dh' Eoin mu'n 
Nuadh lerusalem, air neo mu staid eaglais 
an t-soisgeil anns na lathaibh deireannach. 
IVlu'm beil e 'g ràdh, dh'f heuch e dhomh, se 
sin dh'f heuch an t-aingeal domh. 

Anns a* cheann-teagaisg tha nan nithe so 
againn r'an toirt fainear : 

I. Dòigh nam briathran, eadhon briath- 
ran ar cinn-teagaisg. Ciod e uisge na 
beatha? — ''Dh'fheuch e dhomh uisge na 
beatha." 

II. Tha cunntas againn an so maran ceud- 
na mu'n phailteas a bh*ann do'n uisge so a 
dh'f heuchadh dha, fo ainm abhna. 
B 



10 UISGE NA BEATHA. 

III. Tha e feuchainn dha mar an ceudna 
am bun no'n tobar o'm beil an t-uisge so a' 
sruthadh a mach, agus se sin *' rìgh-chathair 
Dhè agus an Uain." 

IV. Agus mar an ceudna nàdur agus brìgh 
an uisge so, tha e fìorghlan agus soilleir mar 
chriostal. " Agus dh'fheuch e dhomh abhainn 
f liìor-ghlan do dh'uisge na beatha, soillear mar 
chriostal, a* teachd a mach à rìgh chathair 
Dhè, agus an Uain.** 

Tòisichidh sinn leis a' cheud ni dhiù sin, 
eadhon ciod e sin, uisge na beatha. Tha na 
briathran so (uisge nabeatha) 'na'm facail a ta 
ciallachadh na gabhail a steach ni eigin ro 
oirdheirc a ta air a chur fa'r corahair, agus se 
an ni sin spiorad nan gràs, eadhon spiorad 
agus gràs Dè. Agus tha na briathran so, 
" Uisge na Beatha" na'm facail a ta làn-fhreag- 
arrach a chum a shamhlachadh a mach dhuinn ; 
oir ciod is saoire na'n t-uisge, agus ciod is 
fearr 'sa's ion-iarrtaich na beatha ? Air an 
aobhar sin, tha mi 'g radh gu'm beil e air a 
shamhlachadh na air a ghairm uisge na beatha.^ 
*< Dh'f heuch e dhomh uisge na beatha." 

Mar so 's e spiorad nan gràs^ no spiorad 
agus gràs Dè, a ta air a ghabhail a staigh an 
so. Thoir fainear ; 

Anns a cheud àite, Gu'm beil spiorad nan 
gràsann an àiteachan eile air a shamhlachadh ri 
uisge ; agus. 

Anns an dara hàite^ Tha e mar an ceudna 



UISGE NA BEATHA. 11 

air a ghairm spiorad na beatha, dìreach mar 
a ta e ann a so fa'r comhar, '*dh'fheuch e 
dhomh uisge na beatha." 

1. Tha spiorad nan gràs air a shamhlachadh 
ri uisge. ^' Ach ge b'e neach a dh olas do'n 
uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth 
air : ach an t-uisge a bheir mise dha, bithidh 
e 'na thobar uisge ann, a' sruthadh suas a chum 
na beatha maireannaich.'' (Eoin iv. 14.) Ciod 
a bhiodh air a shamhlachadh an so le uisge ? 
ach spiorad nan gràs, a bha 'n t-srìopach 
bhochd so, bean Shamaria, ag iarraidh ; ged 
a bha i aineolach air ciod a bha dhìth oirre, agus 
mar an ceudna air oirdheirceis an uisge, a 
bhiodh 'na thobar a' sruthadh suas a chum na 
beatha maireannaich annta-san a gheibheadh e. 

A rithist, air latha deireannach, latha mòr 
na cùirme, sheas losa agus ghlaodh e, 'g radh, 
*' Ma tha tart air neach air bith thigeadh e 
a'm ionnsaidh-se agus òladh e,'' (Eoin, vii. 
27 — 39.) Ach ciod a dh'òlas e ? abhnaichean 
do dh'uisge beò. Ach ciod iad sin? f hreagair e 
mar so, '*labhair e so mu *n spiorad a gheibh- 
eadh iadsan a chreideadh ann." — Eoin vii 
31 

Seadh, bha na fàidhean, agus sèirbheisich 
Dhè, fo 'n t-Seann Tiomnadh a' gabhail uisge 
na beatha mar samhl' air spiorad nan gràs, a 
bhiodh air a dhòrtadh a mach air an eaglais 
anns na lathaibh deireannach. Uaithe sin tha 
Isaiah a' gairm uisge spiorad Dhè, agus beanii- 



12 UISGB NA BEATHA. 

achd Dhè ; agus tha Sechariah ag radh 
spiorad nan gràs ris : 

" Doirtidh mi mach uisge aìr an tartmhor, 
agus sruthan air an fhearann chruaidh ; doirt- 
idh mi mach mo spiorad air do shliochd, agus 
mo bheannachd air do ghineil." Isa. xliv. 3. 

Agus tha Sechariah ag radh — '' Doirtidh 
mi air tigh Dhaibhidh, agus air luchd-àit- 
eachaidh lerusaleim, spiorad nan gràs agus 
nan achanaichean, agus amhaircidh iad air-san 
a lot iad, agus ni iad caoidh,*' &c. (Sech. xii. 
10.) Feuch anns gach àite dhiù sin, 's e 
spiorad nan gràs a ta air a ghabhail a staigh ; 
ach a chum 's gu b'f hearr a thuigeamaid e, tha 
e air a shàmhlachadh ri uisge, ri tobar uisge, 
ri sruthaibh uisge, agus ri tuiltibh uisge. 

2. Tha e mar an ceudna air a ghairm 
spiorad na beatha. 

1 . Ni's ro mhionaidiche. 

2. Ni's ro shoilleire. 

Anns a' cheud àite, Ni's ro mhionadiche, 
far am beil e air a ghairm, " uisge na beatha," 
agus <' uisge a* sruthadh suas a chum na 
beatha maireannaich." — Eoin iv. 10 — 14. — 
vii. 38. 

Anns an dara h-àitey Ni 's ro shoilleìre, 
tha e air a ghairm, spiorad na beatha. 
" Agus an dèigh thrì laithean gu leth, 
chaidh spiorad na beatha o Dhia a steach annta, 
agus sheas iad air an casaibh,'* Tais. zi. 
11. 



UISGE NA BEATHA. 13 

Uìme sin tha mi co-dhùnadh leis na briath- 
ran sin, *' uisge na beatha,'* gur e spiorad 
nan gràs, na spiorad gràs Dè anns an t-sois- 
geul a th' air a chiallachadh. Agus gu'm beil 
na briathran sin làn-f hreagarrach chum a 
bhi samhlachadh a mach dhuinn spiorad agus 
gràs an t-soisgeil leo. Do bhrìgh. — 

Anns d! cheud àite, Gu'm beil am facal sin 
uisge, air a chleachdadh mar shamhla, ann a bhi 
labhairt mu pheacadh. Tha 'm peacadh air a 
shamhlachadh ri uisge, ri uisge marbhtach ; 
agus theireir gu'm beil duine 'g òi dheth, mar 
a dh'òlas neach do'n uisge. *'Nach gràineile agus 
nach sailiche gu mòr an duine a dh'òlas euceart 
mar uisge .'*" (lob xv. 16.) Mar so ma ta, mar 
a ta gràs agus spiorad nan gràs air an samh- 
lachadh ri uisge, 's ann a dh' f heuchainn an 
neart a ta aig gràs an aghaidh peacaidh : agus 
'sann le èifeachd a mhain a bhios am peacadh 
air a mhathadh, air a mharbhadh, agus air 
a chlaoidh. 

Anns an dara h-àile, Tha 'm facal sin, 
'*uisge," air a chleachdadh achum am mallachd 
a ta 'm peacadh a' toiUtinn a nochdadh dhut. 
Tha 'n galar air a shamhlachadh ri uisge, agus 
an leighis air a shamhlachadh ri uisge. " Thig- 
eadh a mallachd a steach mar uisge do chòrn 
nan aeV/gic?^,'' (Salmcix. 18,) deir an Sàimaidh 
" mar uisge." Tha thu faicinn gu 'ra beil 
gràs Dè mar an ceudna air a shamhlachadh ri 
uisge. Tha mhallachd a' losgadh, tha 'ntuisge 



i4 UISOB NA BEATHA. 

a' fuaracliaJh ; loisgidh a' mhallachd le teine 
ifrinn, ach ni gràs naomh an t-soisgeil a fuar- 
achadh ; ach iadsan nach tig a staigh ann an 
latha nan gràs, cha-n f haigh iad do 'n uisge 
so a chum an teanga fhuarachadh, urrad sa 
shileadh o bharr a' meòir. 

Anns an treas àite^ Tha'n t-uisge do nàdur 
sgaoilidh, agus tha 'm peacadh mar sin mar 
an ceudna ; (Luc. xvi. 24, 25.) air chòr 's 
gu 'm faod iad a bhi air an samhlachadh r'a chèile 
'san dòigh sin. Tha e sgaoileadh air an duine 
gu h-iomlan, agus a' salachadh na h-uile ball 
dheth; thae ga chòmhdachadh thairis mar uisge. 
Faodaidh gràs air an dòigh sin a bhi air a 
shamhlachadh ri uisge — oir tha e do nàdur 
sgaoilidh, agus faodaidh e, ma 's e sin toil De, 
aghaidh na talmhuinn gu lèir a chòmhdachadh 
eadar chijirp agus anmannan. 

Anns d! cheathramh àile, Tha peacadh do 
nàdur truaillidh, agus salachaidh — tha gràs do 
nàdur ionnlaid agus glanaidh ; air an aobhar 
sin tha gràs, agus spiorad nan gràs, air an 
shamhlachadh ri uisge. " Crathaidh mi," 
deir Dia, *^ uisge glan oirbh, agus bithidh sibh 
glan ; o 'ur 'n-uile shalachar, agus o 'ur n uile 
iodhalaibh glanaidh mi sibh." (Ese. xxxvi. 
25,) chì thu ann 'san t-seachdamh rann thar 
an f hichead do'n chaibidil cheudna, gur e 
spiorad a ta e gabhail a staigh an sin. 

Anns a' chùigeamh dite. 'S e gnàths nàdurrach 
an uisg' a bhi tearnadh, no teachd a nios 



UISGE NAÒ3EATHA. 15 

agus fantainn ann an àiteachan iosal, gle- 
anntan agus ionadan iochdrach ; agus tha 
gràs do'n nàdur sin mar an ceudna; cha-n eil 
abhnaichean a' ruith air muUach nan cnoc, 
no nam beanntan àrda, ged a dh'f haodadh iad 
a bhi siubhal na measg tre na glinn. " Tha 
Dia a' cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a' 
toirt gràis dhaibh-san a ta iriosal/' — Seumas 
iv. 6. 

Anns an tseadhamh àite, Tha gràs Dè air 
a shamhhichadh ri uisge, do bhrìgh's gu'm beil 
e cur torrachais ; am fearann a gheibh pailteas 
uìsge bheir e a mach toradh, ach far am beil 
gainne uisge, tha 'n talamh sin neo-thorrach, 
agus 'se sin is aobhar gu'm beil an saoghal cho 
beag agus cho falamh do thoradh a thaobh 
Dhè, eadhon, a chionn cho tearc do chlann nan 
daoine aig am beil spiorad nan gràs 'nan 
cridheachan. 

Anns an dara h'àite, Mar a ta ciallachadh 
àraidh aig an fhacal sin, (uisge,) tha mar an 
ceudnaciall àraidh aig an f hacal sin, (beatha) ; 
Uisge na beatha; "Dh'f heuch e dhomh uisge 
na beatha," agus do bhrìgh gu'm beil an da 
fhacalsinair an ceangal r'a chèile, (uisge agus 
beatha), 's ann gu cinnteach gu bhi feuch- 
ainn an oirdhearchasa ta ann an oibreachadh 
an uisge so. Is uisge-beatha e, no uisge anns 
am beil beatha agus slàinte ann fèin. Agus 
tha 'm facal sin a' feuchainn duinn. 

Anns à! cheud àitei Gu'm beil daoine 



lò UISGE NA BEATHA. 

an t-saoghail gun ghràs marhh — (Eoin 
V. 21— 25. Eph. ii. 1. Col. ii. 13.) "Marbh 
ann ara peacadh agus ann an euceartaibh.' 
Marbh gun bheatha gun ghluasad do thaobh 
Dhè, ann an slighe tiomnaidh a Mhic. 

Anns an dara h-àite^ Tha e mar an ceudna 
a' feuchainn duinn, **nach eH ni sani bith ann 
'san t-saoghal, no ann an teagaisg an t-saoghail, 
an lagh, is urrainn an toirt beò." 'S ann anns 
an nisgeso mhain a ta beatha, — tha'm bàs anns 
gach ni eile. Na 'm biodh ni sam bith anns 
an t-saoghal a bheireadh daoine beò, b'e 'ni sin 
an lagh, ach a nise, 's ann a ta 'n lagh a' 
marbhadh, agus a' dìteadh, do bhrìgh 's gu'm 
beil euceart air a meudachadh. Uime sin, 
cha-n eil ni sam bith, aon chuid anns an 
t saoghal, no ann an teagasg an t-saoghail a 
bheir beatha, 's ann a mhain ann 'san uisge so 
a ta bhuaidh sin, ann an gràs so Dhè, a ta 
ann an so air a ghairm, uisge na beatha, no 
uisge-heatha Dhè. 

Anns an treas àite, Tha e mar an ceudna 
air a ghairm uisge na beatha, gu fheuchainn 
''gur ann a mhain le gràs Dè is urrainn do 
dhaoine a bhi beò," cia air bith cho marbh *sa 
dh' f hàg am peacannan iad. 'Nuair a their 
Dia ris a' pheacach, " mair beò," ged a bhiodh 
e marbh 'na pheacannan, bithidh e beò." 
"'Nuair a bha thu ann a t' f huil, thuirt mi 
riut, ' mair beò,' seadh, agus tu ann a t' f huil, 
ihuirt mi riut, ' mair beò.'' (Esec xvi. 8, 9.) 



UISGE NA BEATHA. 17 

Agus a rithist, '* Cluinnidh na mairbh gnth 
Mhic Dhè, agus an dream a chluinneas, bithidh 
iad beò." Eoin v. 25. 

'S e so 'nuair a ta e labhairt facal a ghràìs, 
agus measgachadh an fhacail sin le spiorad 
agus gràs an t-soisgeul, 's ann an sin a bhios 
daoine beò : oir is e leithibh sin do dh' f hacail 
a mhain a ta 'na'n spiorad agus 'na 'm beatha. 
*' Na briathran a ta mise a' labhairt ribh,*' 
deir Criosd " is spiorad agus is beatha iad/' 
Eoin vi. 63. 

Anns a cheathramh àile^ Do bhrìgh 's gu'm 
beil gràs Dè air a shamhlachadh no air 
ainmeachadh^ " uisge na beatha," tha sin a' 
feuchainn, gu'm beil cuid tinn leis an tinneas 
sin, nach urrainn a bhi air a leighis le ni sam 
bith ach ieis an uisge so. 'Tha caochla 
thrioblaidean ann 'san t-saoghal, agus tha 
caochla leigheasan air an ullachadh air son 
nan trioblaidean sin. Ach tha trioblaidean 
nach bi air a leighis le ni sam bith ach le deoch 
as an t-searraig so, deoch do'n uisg-hheafha so, 
an t-uisge beò so. Tha sin soiUeir leis a' chuir- 
eadh so — '' gabhadh e do dh'uisge na beatha 
gu saor." Agus a rithist. *•' Bheir mi dhasan 
air am beil tart à tobar uisge na beatha gu 
saor." Tha so air a labhàirt riusan a ta tinf), 
agus a ta tinn leis an tinneas sin air am beil 
Criosd a mhain 'na leigh leis an uisge bheò so. 
Ach is beag a ta tinn leis an tinneas so, agus 
is beag aig am beil eòlas air, ciod e an ni a 



18 UISGE NA BEATHA. 

bhi tinn leis an tinneas so. Cha-n eil ni 
sam bith a ni neach tinn leis an tinneas so, 
ach an lagh agus am peacadh ; agus cha-n eil 
ni sam bith a bheir slàinte bho*n tinneas so, ach 
gràs Dè a ta ann an so air a ghairm, ** uisge na 
beatha/* 

Tha sinn a nise air teachd gu bhi labhairt 
air an dara ni a ta air a chuir fa'r comhairann 
'sa cheann-teagaisg. Agus se sin am pailteas 
a th'ann do 'n uisge bheò so. Tha e 'g ràdh 
abhainn ris — *' dhTheuch e dhomh abhainn do 
dh'uisge na beatha." Uisge a ta 'na ìocsblaint, 
agus anns am beil buaidhean a chum beatha a 
thoirt dhaibh-san a ta marbh, agus slàinte a 
chumail riu-san aig am beil i ; tha e gann, 
agus tearc r'a faotainn, agus far am faighear e 
ann an cuiddodh'ionadanchan-eilanndhethach 
beagan; ach ann an so tha pailteas, mòran, eadh- 
on abhainn, '' abhainn do dh'uisge na beatha." 
Ann a bhi làimhseachadh na puince so, 
feuchaidh mi dhut. 

Anns a* cheud àiie — Ciod e abhainn do 
dh' uisge na beatha." 

Anns an dara h-àite, Agus an sin tarruinn 
beagan do chò-dhùnadh uaithe. 

J. Ciod an abhainn a ta an so ; abhainn so 
uisge na beatha. 

1. Is abhainn dhomhain i. Is abhainn i nach 
eii tana, ach domhain ; freagraidh am facal sin 
dh'i, — O an doimhne ! ^' Ni mi an uisgeachan 
donihain, deir an Tighearna.'' Agus a rithist, 



UISGE NA BEATha. 19 

*' dh'òl iad do dh'uìsgibh domhain"; is mòr a ni 
abhainn do dh'uisge na beatha, ach 'se abhainn 
dhomhainn deth is mò. O ! pheacaich tlnnn, 
tha thu tinn do 'n eucail sin o nach urrainn ni 
san bith do leighis ach cuibhrionn do'n 
abhainn so do dh'uisge na beatha ; ann an 
so tha abhainn aìr do shon — abhainn dhomh- 
ain aìr do shon. ladsan a ta toiseachadh air 
theachd a chum Dhè tre Chriosd air son 
beatha, cha-n eil ni sam bith mu 'm beil urrad 
do chùram orra, ri fìos f haotainn am beil gràs 
ni's leòir ann gu iadsan a shàbhaladh. Ach a 
chum an comhfhurt, tha pailteas ann deth, 
pailteas do ghràs, abhainn dhomhain, seadh, 
abhainn dhomhain do dh'uisge na beatha 
dhaibh-san gu òl aiste. 

2. Mar a tha 'n abhainn so dhomhain, (Eph. 
iii. 18,) tha i mar an ceudna, mòr agus leath- 
an, agus mar dh'fheumas tu f hios a bhi agad 
gu'm beil i domhain, feumaidhtu fios a bhi agad, 
mar an ceudna, gum beil i leathan (Job. ix. 
19,) " as leotha i na'n cuan," is abhainn i air 
nach urrainn thu dol thairis. Cha d'fhuair 
duine riamh dol o'n taobh so gus an taobh eile 
dh'i, 'nuair a bha na h-uisgeaehan air èiridb, 
agus a nise tha iad air èiridh, a nise tha iad a* 
sruthadh a mach a rìgh-chathair Dhè agus an 
Uain mar an ceudna. Uime sin, tha *n gràs 
so air a ghairm, saoibhreas do-rannsaichte 
Chriosd, (Esec. xlvii. 7» Ep. iii. 8.) A pheac- 
aich, a pheaeaich thinn, ciod a ta thusa 'g 



20 UISGE NA BEATHA. 

ràdh rìs a' so ? an tUg thu thu-fèin anns an uisge 
so ? an coisich thu troimhe, an snàmh thu ? 
an so faodaidh tu snàmh tha e domhain, gidh- 
eadh na biodh eagal ort dol a steadh ann. Agus 
'nuair a shaoileas tu gun deach thu troimhe agus 
troimh, gidheadh pill agus feuch ris a rithist, 
agus gheibh thu e ni's doimhne na ifrinn, agus 
'na abhainn air nach fhaodar dol thairis. 
Mar urrainn thu snàmh ann a' so, faodaidh tu 
thu-fèin a luasgadh agus ioraairt sios agus 
suas ann mar an t-iasg anns an f hairge ; agus 
cha ruig thu leas eagal a bhi ort gu 'm bi thu 
bàite anns an abhainn so, cumaidh bi suas 
thu, agus giùlanaidh i thu mar a rinn uisge 
dìle Noa air an àirc, do ghiùlan os ceann nam 
beann as àirde. Ach, 

3. Mar a ta 'n abhainn so do dh'uisge na 
beatha domhain agus mòr, tha i mar an ceudna 
làn uisge. Faodaidh abhainn a bhi domhain 
agus gun a bhi làn faodaidh abhainn a bhi leath- 
an agus gun a bhi domhain. Ach an abh- 
ainn a ta 'n so, tha i làn, tha i domhain, leath- 
an, agus mòr mar an ceudna. Tha thu ga 
uisgeachadh ; tha thu ga dheanamh trom beart- 
ach le abhainn dhomhainn, leathan, agus 
làn. Seadh, tha thu ga uisgeachadh, agus ga 
dheanamh trom beartach, le abhainn Dè a 
ta làn do dh'uisge. (Sailm Ivi. 9.) Làn gràis 
agus firinn. Lionaidh na soithichean gu'n ruig 
am beul, arsa Criosd. Uisgeachan làn cupa 
gheibh an aingidheachd, agus tha abhainn do 



UISOE NA BEATHA. 21 

dh'uisge na beatha air a solar dhaibh-san a ta 
da rìreadh ga iarraidh. 

4. Mar a ta 'n abhainn so domhaìn, leath- 
an agus làn tha mar an ceudna pailteas uisge 
innte. — (Esec. xlvii. 5.) *' Bha na h-uisgeachan 
air èiridh/' deir am fàidh. Uime sin, tha 'n 
SpioradNaomha'gradh — ''thugDiaair anuisge 
sruthadh a mach ;" agu« a rithist tha e 'g radh, 
" agus tàrlaidh anns na lathaibh sin, (lathaibh an 
t-soisgeil) gun sil na slèibhtean a nuas fion nuadh, 
agus sruthaidh na beanntan le bainne; agus 
sruthaidh uil' abhnaichean ludah le h-uisgeach- 
aibh agus thig tobar a mach o thigh an Tigh- 
earna, agus uisgichidh e gleann Shiteim." (loel 
iii. 18.) 'Nuair a bhios abhnaichibh air a lionadh 
le tuil, bithidh ni's mò do dh'uisg' annta na 
chumas am bruachan, bithidh mòran uisge 
annta. " Feuch, bhuail e a chreag, agus 
bhruchd uisgeachan a mach agus dh'èirch na 
tuiltean." Sailm Ixxviii. 20. 

Tha 'n abhainn so do dh* uisge na beatha, 
air am beil na h-uisgeachan so 'nan samhla na 
h-abhainn a ta sruthadh thar a bruachaibh le 
uisge, ann an dòigh neo-chrìochnach, do-Iabh- 
airt. An urrad so, mu'n abhainn, se sin ri ràdh, 
ciod an abhainn do dh' uisge na beatha a 
ta ìnnte, is abhainn i a ta domhain, leathan, 
làn, agus pailt do 'n uisge so, pailt do spiorad 
agus do ghràs so an t soisgeil. 

Anns an dara h àite. Thig mi nise gu bhi 
labhairt air an dara ni, eadhon a bhi tarr- 
C 



22 UISGE NA BEATHA. 

uinn beagan do nithe uaithe se sin o'n f hacai 
80 abhainn — seadh, abhainn uisge, do dh'uisge 
na beatha. 

Anns a cheud àite, Sin, ma ta, tha abhainn 
na h-uisge a ta coitcheann ; coitcheann ann a 
sruthaibh, ged tha i air mhodh eil' aig a ceann. 
Tha 'n abhainn so a' sruthadh a mach à righ- 
chathair Dhè agus an Uain. Agus mar sin, 
do thaobh a h-èirigh, tha i diomhair ; ach 
mar a ta i na h-abhainn tha i coitcheann, agus 
air son feum coitcheann, agus math coitcheann. 
Uime sin theirear '' an t-slàinte coitcheann" rì 
ghràs Dè. (lude 3.) oir a thaobh an fhacail 
cha-n eil bacadh, no àicheadh, no toirmeasg air 
neach sam bith leis an àiU a ghabhail. 

^' Agus ge be neach leis aii àiìl, gabhadh e 
uisge na beatha gu saor ;" (Tais. xxii. 17-) 
ciod is mò na sin, agus is làn-shoilleire chum 
a leigeil ris gu'm beil e coitcheann. Seadh tha *n 
abhainn so aig a dearbh cheann, air a gairm. 
'* Tobar f hosgailte, tobar air a fosgladh do 
thigh Dhaibhidb, agus do luchd-àiteachaidh 
lerusaleim.'* (Sec. xiii. 1.) Agus le tigh 
Dhaibhidh agusluchd-àiteachaidhlerusaleim, se 
an ni sin th' air a chiallachadh na h-uile anam a 
dh'òladh do'n uìsge-bheò so. Agus 's anii 
uime sin a theirear, gun deach an abhainn so 
" sios do'n f hàsach agus a chum na fairge." 
(Esec. xlvii. 8.) far am beil na h-uile seòrs' èisg. 
Leis an fhairge, tha 'n saoghal, air a chiall- 
achadh agus leis an iasg an sluagh. Agus 



inSGE NA BEATHA. 23 

do 'n ionnsaidh-san tha 'n abhainn so do 
dh'aisge na beatha a' ruith. Ach, 

Anns an dara k-àite. Ged a tha abhainn 'na 
sruthanan coitcheann, gidheadh mar a thèid 
i seachad tre dhùthaich na tre ghleann, 
ruithidh i 'na slighe fèin. Ruithidh i a 
cuairtean agus na chuir fèin, thèid i mu n 
cuairt, agus ruigidh i an sud agus an so a rèir 
a cùrsa fèin. Gidheadh, tha i coitcheann, do 
bhrìgh 's gu'm beil i fosgailte do na h-uile 
thèid seachad oirre. Uime sin tha eadar- 
dhealachdadh ri chureadar ni a bhi coitcheann, 
agus e bhi làthair aig an àm. Faodaidh 
ni a bhi coithcheann no saor gu leòir, agus e 
bhi fada uainne. Tha uisgeachan Epsom, 
Drochaid'thuna, Bhells agus Bhath^^ math 
agus coitcheann, gidheadh fada o chuid aig am 
beil feum orra. Faodaidh a ni ceudna a bhi 
air a radh mu'n abhainn so, tha i coitcheanii 
gu leòir 'na sruthaibh, ach tha i a' ruith u 
cuairtean agus a cùrsachan fèin, agus fanaidh 
i 'na cùrsa fèin. '' Tha e a' cur thobar anns na 
gleanntaibh a ta a' ruith air feadh nan beann," 
(Sahn. civ. 10.) gu dearbh thci e a' fosgladh àbh- 
naichean annan ionadaibh àrda, 'narìgh-chathair 
fèin agus an Uain ; ach fathasd tha iad a* ruith 
ann a meadhon nan gleann, gu bhi 'g uisgeach- 
adh na muinntir chùin agus mhacanta. Au 

* Uisgeachan mèin-ioc-shlainteach Shasuinn, a la 
math air leigheas cuid do ghalairean, agus a ta luchn 
<3ucail ag òi air son fallaineachd. 



24 UISGG NA BEATHA. 

an aobhar sin, iadsan air am beil tart, agus leis 
bu mhiann òl do'n uisge so ; tha e air iarraidh 
orra nise teachd chum nan uisgeachan. — 
^' Ho ! gach neach air am beil tart, thigibh 
a chum nan uisgeachan, agus easan aig nach 
eil airgead, thigibh. ceannaichibh," &c. Agus 
a rithist — ** Ma tha tart air neach sam bith, 
thigeadh e a 'm ionnsaidh-sa agus òladh e." 
(Eoin vii. 37.) Tha na h-uisgeachan coit- 
cheann, ach feumaidh tusateachd d'an ionns- 
aidh far am beil iad air neo cha-n fheairrd 
thu bheag iad a bhi saor. " Thigibh a chum 
nan uisgeachan." 

Anns an treas àite, Tha abhainn air a ghairm 
do dh'uisge na beatha an so chum 's gu 'n 
tuigeadh tu am pailteas a th'ann deth. Tha 
aig na h-uiT abhainn an cuan mar mhàthair- 
uisge. *' Ruithidh na h-abhnaichean uile chum 
na marra, gidheadh cha-n eil a' mhuir làn ; 
chum an àite as an tàinig na h-abhnaichean, 
thuige sin pillidh iad a rithist.'' (Ecles. i. 7.) 
Agus mar sin, tha 'n abhainn so a' teachd a 
mach o*n rì^h-chathair, mar o àite anns am 
beil i 'g èiridh \ ach se cuan grds an Dè neo- 
chrìochnaich as bun d*i. " Tilgidhtu ar n-uile 
lochdan ann an doimhneachdaibh na fairge," 
(Mic. vii.19.) chumdoimhneachfairgedoghràis 
Ni ablinaichean, 'nuair a bhriste?is iad a mach, 
mòran salachar a ghiùlan air falbh le'n sruth- 
anaibh siùbhlach o gach cearn do'n dùthaich 
tre beil iad a' ruith, agus giùlanaidh iad e 



UISGE NA BEATUA. 25 

chutri na fairge, far am beil e gn sìorriiidh air 
a shlugadh sios. Agus O ! ciod an t-salachar 
a ta air a thilgeadh ann an abhainn so Dhè ! 
Agus cia lion peacach a ta air an glanadh agus 
air an ionnlad innte, agus cia raòr a ta i giùlan 
air falbh do shalachar a chum meadhon na 
fairge le sior-sruthadh. 

Bheir abhainn air falbh dearbh bhrein- 
bhòladh cù marbh, agus cha toir na h.uile 
anabas agus salchar a ta air a thilgeadh 
innte, orrasan aìg am beil feum air a h-uisge, 
nach gabh iad am feumalachd dheth. Ach 
cia mòr as mò na sin a' bhuaidh a ta anns an 
abhainn mhilis so do ghràs, a th' air a fosgladh 
dìreach a chum peacadh agus neoghloine a 
thoirt air falbh ; eadhon a chum ar salachar a 
ghiùlan air falbh, agus i-fèin a fantaìnn do 
ghnà gu buadhach glan. 

4. Tha abhainn air a gairm dheth 
gu bhi a feiichainn gu'm beil e teachd do 
ghnà mar a dh'f haodar a radh, le tomhas 
ùr do nuadh ghràs. Tha abhnaichean a' toirt 
seachad uisge ùr do ghnà — ged is e an aon 
sruth-chlais anns am beii iad do ghnà a' ruith, 
gidheadh, cha-n e an t-aon uisge a ta annta, 
tha na h-uisgeachan a sìor theachd as ùr. An 
t-uisge a bh' aig an àm so an so, tha e air falbh 
an tiotadh, agus tha uisge ùr a' teachd 'na 
àite. Agus 'sann mar so a ta abhainn Dè, 
a ta làn do dh'uisge : tha co-leasachadh as ìir 
a' teachd innte do ghnà, co-leasachadh as ùr 



26 UISGE NA BEATHA. 

do ghràs dhaibh-san aig am beil gnothach anns 
na h-uìsgibh sin. Agus 'se so as aobhar gu'm 
beil am peacach, ('nuair a ta pheacadh air 
a mhathadh) ga f haicinn mar gu'm biodh e air 
a ghiùlan air falbh. Tha na h-uisgeachan sin 
le 'n sìor sruthadh a' giùlan salachar a' pheac- 
aich uaitlie fa chomhair a shùl- Ach cha-n 
ionnan sin as do lochan agus lòintean tàimhe, 
grodaidh iad mar bi iad gu tric aìr am falamh- 
achadh, agus air an lionadh le uisge ùr. 
Feumaidh sinn air an aobhar sin eadar-dheal- 
achadh a chuir eadar an gràs a ta chòmhnaidh 
annainn, agus an abhainn so do dh'uisge na 
beatha. Cha-n eil sinne ach mar lÒdain agus 
mar amraichean, nach urrainn ach beagan a 
chumail ; agus ghrodadh sinn ged a tha gràs 
Dè annain, mar biodh e air a chuir o shoitheach 
gu soitheach, (ler. Ixviii. 11.) agus air a lionadh 
le gràs ùr as an abhainn so. Ach tha 'n abh- 
ainn so do ghnà milis, agus chan urrainn na 
h-uile salachar a ta air a chuir innte droch 
bhòladh a chuir dh'i no h-atharrachadh tha a 
h-uisgeachan a' ruith le gnà shèimh shruth 
siùbhlach agus mar a thubhairt mi a' giùlan air 
falbh gach mosaiche chum doimhne na fairge. 
5. Tha abhainn do ghràs Dè air a ghairm 
dheth gu nochdadh gur ann dhaibh-san a tha 
comasach air a bhi beo ann, a ta e freagarrach, 
ged a tha na h-uile chreutair a' deanamh feum 
de'n uisge, gidheadh, cha n-ann anns an uisge 
a ta na h-uile chreutair beò a' còmhnaidh. Cò 



UISGE NA BEATHA. 27 

leis nach bu mbath gu 'm biodh gràs aige ? 
agus coraas dol gu rìgh-chathair nan gràs ? 
Ach cha-n eil e aig a h-aon ach aca-san aig am 
beil an nàdur air a dheanamh freagarrach ri 
gràs. Uime sin, mar a ta gràs Dè air a 
shamhlachadh ri abhainn, tha iadsan a ta beò 
le gràs air an samhlachadh ri iasg ; a thaobh a's 
gur e 'n t-uisge an dùil sin anns am beil an 
t-iasg beò ; mar sin 'se gràs beatha a' chreid- 
rch. ** Agus bithidh rò rahòran èisg ann, a 
chionn gu'n tig na h-uisgeachan so thuige, 
oir leighisear iad, agus raairidh gach ni beò far 
an tig an abhainn"; (Esec. xlvii. 9.) An iasg 
thu a dhuine ? an urrainn thu a bhi beò anns 
an uisge, an urrainn anns an uisge agus nach 
bi thu beò ach anns an uisge so ? an e gràs do 
dhùil beathachaidh nàdurrach ? bhàsaicheadh 
an t-iasg na 'm biodh e air athoirt às an uisge, 
mar biodh e air a cuir ann gu h-aithghearr a 
rithist. Mar sin bhàsaicheadh an creideach, mar 
biodh e anns an abhainn so, ma bheir thu o' n 
abhainn so e, cha bhi e beò, ach biodh gu leòir 
aige do 'n uisge so, seadh do 'n uisge bheò so, 
agus cha-n urrainn ni sam bith a chuir bàs. 

Tha fios agam gu'm beil cuid do chreutair- 
ean eile ann as urrainn a bhi greis beò anns an 
uisge ; ach cha-n e *n t-uisge an dùil bheath- 
achaidh nàdurrach. As urrainn an losgann a 
bhi beò greis anns an uisge, ach cha-n anns an 
uisge a rahain. Thoir do chuid a dhaoine 
gràs agus an saoghal, gràs agus peacadh ; leig 



9'8 UISGK NA BKATHA. 

dhaibh feum a dheaiiamh do'n anaminnan a 
chum an toilinntinn, agus do ghràs a chum an 
cionta a ghluasad air falbh, agus ni iad an 
gnothach gu ro mhath, no mar a theirear 
cumaidh iad sgàile breagha diadhachd suas ; ach 
cììm iad ri gràs a mhain, cum a staigh an caithe- 
beatha ni gràs, cuir iad anns an abhainn so, 
agus na biodh ni sam bith aca ach an abhainn 
so, agus bàsaichidh iad ; tha facal agus slighe, 
agus nàdur a! ghràis dhaibh-san 'na aran 
aotrom, agus cha dean an anam ni sam bith 
ach gràin a ghabhail dheth ; oir cha-n eil an 
nàdur air a dheanamh freagarrach ris an dùil 
bheathachaidh sin, uime sin tha gràs I)è 
agus spiorad nan gràs air a shamhlachadh ri 
abhainn, gu bhi nochdadh nach urrainn a 
h-aon a bhi beò le gràs, ach iadsan aig am beil 
an anmannan agus an spioradan air an 
deanamh freagarrach air a shon. 

6. Tha gràs agus spiorad gràs Dè air a 
ghairm, no air a shamhlachadh ri abhainn, gu 
a bhi riarachadh nan iarrtasan do-shàthsaichte ; 
agus gu bhi sguabadh air falbh nan teagamhan 
garbh-shlèiteach a taseasamh rompa-san air am 
beil tart air son na dibhe so. An duine air 
Hm beil tart spioradail, cha n-eil eagal air à ni 
sambith ni's mònanacheilgu leòir ann gu iotadh 
a chasg : tha uile gheallaidhean agus bhriath- 
ran mhinistearan Dèd' a leithid sin do dhuine, 
mar làn mheuranan an ionad ehuinneagan 
làna ; (Salm Ixiii. ]. cxliii. 6. " Tha mi 'ciall- 



UISGE NA BEATHA. 29 

acbadh am feadh *s a tha 'thart a' marsainn 
am feadh a tha 'thart agus a theagamh ag 
imeaehd làmh air làimh. 'S e a tha leithid 
sin do dhiiine *g ràdh, cha-n eil mi faotainn 
gu leòir anns a' ghealladh so, no anns a' gheall- 
adh ud, a chum cìocras m*anm' a chasg. Esa^n 
air am beil tart ceart, cha dean ni sam bith 
ach Dia a thart a bhàthadh. *' Tha tart air 
m'anam a chum Dhè chum an Dè beò." (Salm 
xlii. 2.) Ciod ma ta nithear air son an duine 
so ? am freagair Dia iarrtas ? thugaibh fainear 
ciod a leanas. *' Nuair a ta am bochd agus an 
t-ainnis ag iarraidh uisge, agus nach eil e ann 
('nuair ata na h-uile ghealladh ag amharc 
tioram mar neoil air ath-philieadh an deigh an 
uisge), agus a bhios an teanga air faiineach- 
adh le tart ; èisdidh mìse an Tighearna riìi, 
agus mise Dia Israel cha trèig mi iad." Ah ! 
ach ciod a ni an Tighearna a chum an tart a 
chasg ? " Fosglaidh mi abhnaichean (deir 
e) ann an àitibh àrda, agus tobraichean ann a 
meadhon nan gleann ; ni mi an f hàsach 'na 
linne uisge, agus an tìr thioram 'na sruthaibh.'* 
Feuch ann an so tha abhnaichean agus tob- 
raichean, linneachan agus sruthanan, chum an 
iatadh-san airam beil tart an deigh Dhe a chasg. 
Airan aobhar sin mar a thubhairt mi, tha 
leithid sin do dh'uilachadh air son an tartmhoir, 
a* feuchainn an eagal-san an gainne, agus a' chàil 
do-riaraichte a ta aig an anmaibh an deigh 
Dhè. Cha bhi am fior iatadh spioradail. 



30 UISGE NA BEATHA. 

riarichte a dh'easbhuidh pailteas do ghras. 
'* Sàsaichear iad gu mòr le saill do thighe, agus 
à abhainn do shòlasaibh bheir thu orra 61." 
Salm. Ixxvii. 8. 

7. Tha gràs Dè air a shamhlachadh ri abhainn, 
chum a bhi feuchainn meud teaghlach Dhè. 
Tha teaghlach aige, teaghlach mòr, agus air 
an aobhar sin cha-n e beagan a dh'fheumadh 
a bhi air ullachadh air an son. 'Nuair a thàinig 
clann Israel a mach às an Eiphit, agus a bha tart 
orra air an t-slighe, dh'ullaich Dia abhainn 
dhaibh, thug e oirre brùchdadh a mach às a 
chreig ; oir mo thruaighe ! ciod bu lugha na 
ahhainn (Salm xxviii. 20) a chaisgeadh tart 
barrachd is sèa ceud mìle fear, a thuilleadh air 
mnathan agus cìann P 

Tha mi 'g radh, ciod bu lugha na abhainn 
a dheanadh e. 'Nuair a mhiannaich an sluagh 
feòil, thuirt Maois, '' am bi na treudan agus am 
buar air am marbhadh dhaibh, a chum an 
sàsachadh ? no 'n cruinnichear uile iasg na 
fairge a chum an sàsachadh ?" Eadlion mar sin 
ma ta, mar nach b'urrainn ni bu lugha na 
abhainn an siuagh mhòr sin a riarachadh ; a 
nise, chan eil a phobull ann an lathaibh so an 
t-soisgeil ni's gainne, ach ni's lionmhoir' agus 
ma bha feum aca san àm sin air abhainn, 's cinnt- 
each gu'm beil feum aca a nise air cuan ; ach 
tha 'n abhainn so domhain, leathan, làn^ agus 
pailte, no *g èiridh suas le uisge, agus mar sin, 
's ìeòir i. 



UISGE NA BEATHA. 31 

8. Tha gràs Dè air a shàmlacha<ih ri 
abhainn, theagamh, chum am beag suim a 
taiadsan a ta sàibhear a' cur air a leigeadh ris, 
Gabhaidhambochdgudeibhinna' chreagair son 
dion,tha'm bochd agus am feumach agiarraidh 
uisge ; ach a' mhuinntir atha'm barail gu'm beil 
iad làn, gabhaidh iadsan nithe is fearr, mar 
a their iad fèin, òlaidh iadsan fion 'na chuach- 
aibh, agus cha tig iad a chum na h-àbhna so 
a dh'òl aisde : cha'n abair iad gu brath, gu'm. 
faigh iad bàs mar tig iad a chum na h-àbhna 
a dh'òl dò *n uisge so. 'S e 'm bochd agus 
an t-ainnis air an aobhar sin a threòraicheas Dia 
a chum a thobraichean do dh'uisge beò, agus 
s ann o'n sùilibh-san a shiabas e na deòir. — 
' Tais. vii. jy.) Agus mar so chaidh mi 
thairis air an dara ni, agus tha mi air teachd 
a chum an treas ni sònraichte, agus 's e sin a 
bhi feuchainn am bun agus an tobar o 'm beil 
an abhainn so ag èiridh agus a' sruthadh a 
mach* 

Tha tobraichean aig abhnaichean o'm beil iad 
ag eiridh, agus o'm beil iad a' sruthadh ; agus 
air a mhodh cheudna, tha sinn a' leughadh 
mu'n abhainn so ; oir tha e 'g ràdh — 
"•Dh'fheuch e dhomh abhainn fhior-ghlan do 
dh'uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a* 
teachd a mach à righ-chathair Dhè agus an 
Uain." 

1. Tha Dia ann a so gu bhi air a ghabhail 
ann an àite rta Diadhachd gu lèir, se sin, an 



32 UISGE NA BEATHA. 

t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomha, oir 
tha 'n gràs so a* sruthadh uapa mar aon ; tha 
gràsan Athar, gràsa* Mhic,agusgràsanSpioraid, 
air a ghabhail a staigh an so. Uime sin tha'n 
t-Athair air a ghairm " Dia nan gràs" ( 1 Pet. v. 
10. Eoin xiv. 16. Eabh x. 29.) am Mac, làn 
gràis agus fìrinn. Agus an Spiorad, air a 
ghairm, * Spiorad nan gràs.'* Mar sin le so tha 
sinn a' faicinn cò às a ta 'n gràs so a' teachd. 
Ged a bhiodh an saoghal gu lèir gràsmhor, 
mar biodh Dia gràsmhor. Ciod a b'fheairrd' 
an duine sin ? N'am biodh an t'Athair, no 
Mhac, no na Spìorad Naomha gràsmhor, mar 
biodh iad gu lèir gràsmhor, ciod a' bhuannachd 
a bhiodh ann do'n duine ? ach a nise tha Dia, 
tha trì pearsachan na Diadhachd gràsmhòr' 
agus cho fad sa tha neach ag iarraidh gràis, 
tha gràs air ullachadh dha ; oir tha abhainn a' 
sruthadh a mach mar shruth cumhachdach a' 
teachd a nuas uapa ; ach se deagh thoil Dè, 
tùs gràis do pheacaich : cha-n urrainn neach a 
smaointeachadh cho gràdhach sa tha Dia do 
dhaoine peacach. Tha beagan dheth r'a 
fhaicinn, ach iadsan as mò a ta faicinn dheth, 
cha n-eil iad a' faicinn ach beagan. 

Osbarr, a dubhradh ; " a' teachd a mach à 
rìgh-chathar Dhè agus an Uain,'' 'Se 'n 
t-Uan losa air ìobradh, losa mar dhuine agus 
a* fulang. Uime sin tha 'n t-Uan air fheuch- 
ain aig ceud thaisbeanadh na cathrach. Mar 
gu 'm biodh e air a mhàrbhadh. ** Agus 



UISGE NA BEATHA. 33 

dh' amhraic mi, agus, feuch, ann am meadhon 
na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beathaich- 
ean, agus ann a meadhon nan seanair- 
ean, Uan *na sheasamh, mar gu 'm bìodh e air 
a mharbhadh." Tais. v. 6. 

Air an aobhar sin leis an f hacal so Uan, 
tha sinn gu thuigsinn cia mar a ta gràs a 
nise a' ruith a mach à righ-chathair Dhè mar 
abhamn a chum an t-saoghail. Agus is ann 
leis an Uan no trid anUain a tha sinn air ar 
fireanachadh gu saor le gràs tre 'n t-saorsa 
a ta ann an losa Criosd, neach a &hònraich 
Dia 'na iobairtrèitich tre chreideamh *na f huil. 
(Rom. iii. 24. 25.) Agus a rithist tha againn 
saorsa tre fhuil, eadhon mathanas peacaidh 
a rèir soibhreas ro phailte gràs Dè. Eph. 

ii.7. 

Agus cha do dhorchaich Uan Dè idir 
nàdur glòir a ghràis, le theachd tre bhàs 
gu bhi 'na mheadhon giùlain air a* ghràs 
so thugainne, ach 'sann a rinn e nàdur glòir a 
ghràis ni's ro shoiUeire. Oir c'àit' am b*urr- 
ainn gràs no gaol a bhi air f hoiUseachadh ni bu 
mhò no ann e bhi leigeil sios a bheatha air 
ar son ? tha mi 'labhairt air gràs a Mhic. Agus 
c'àit' am b'urrainn nàdur glòire gràs an Athar 
foillseachadh ni bu mhò no ann an toirt a Mhic 
fèin a chum bàis air ar son ? a chum 's gu 'm 
biodh gràs ann an rathad ceartaìs cho uiath as 
ann an rathad treòcair air a bhuileachadh do'n 
t-saoghal. Uime sin mar a ta e 'g radh, 

D 



34 UISGE NA BKATHA. 

gu'rp beil an abhainn so dodh'uisge na beatha 
a' sruthadh ^ mach o Dhia, tha e 'g radh au 
Uain mar an ceudna, do bhrìgh 's gu 'm bu 
mhath leis-an gu'm biodhamaid aige : agus an 
uair a ta sinne air ar lionadh agus air ar cuir 
tharis leis an abhainn so, eadhon abhainn Dè 
a ta làn do shòlasaibh^ na di-chuimhnicheamaid 
ciod a chosg e do dh' Uan Dè gu'm biodh an 
gràs so a' teachd doV n-ionnsaidh.ne. 

Oir is e saibhreas a' ghràis agus a' ghliocais, 
gu'm biodh gràs a' teachd da'r n-ionnsaidh-ne, 
cha-n ann a mhain ann an rathad tròcair agus 
truais, ach mar an ceudna ann an rathad ceartais 
agus diolaidh ; agus cha b'urrainn sin a bhi air 
dhòigh sam bith eiie ach le f'uil saoraidh. Agus 
cha tàinig an fhuil shaoraidh sin uainne, no 
troi' aon innleachd a dhealbhadh leinn ; 
agusciod air bith a chosg i do'n Uan, is gràs 
i dhuinne. Seadh an tomhas is àirde, agus is 
mò, agus is saibhire, is gràs i, a thaobh cho 
ro mhò sa chosg i do'n Athair agus do'n Uan, 
gu*n sealbhaicheamaid i. 'Nuair a bheir duine 
dhomh sporan òir, cha n-e mhan a thoirt dhomh, 
ach 'nuair a chuireas e bheatha an cunnart a 
chum a thoirt d*am ionnsaidh, is ni mòrxso do 
rìreadh. Ach, mo thruaigh ! cia cho goirid 
sa thigeadh mìltean do'n leithid sin ,do cho- 
shamhlachadh, air gaoi dorannsaichte Cbriosd. 

'S e 'n t-Uan ma ta esan o'm beil, no tre'm 
beil an gràs so a* teachd do'r n-ionnsaidh-ne, 
Tha e *' sruthadh a mach à Rìgh-chathair Dhè 



UISGE NA BEATHA. 35 

agus an Uain/' Agus tha e teachd uaithe- 
san a nise mar f hear-tabhairt ; cha-n ann a 
mhain mar mheadhon giùlain, ach mar neach 
aig am beil cumhachd gu gràs a thoirt seachad, 
cumhachd mar is e mac an duine is e mar an 
ceudna an t-Uan ; agus mar is e an t-Uan, tha'n 
gràs so a' teachd uaithe-san. " Bha cumhachd 
aig Mac an duine peacannan a mhathadh 
air talamh." (Mata. ix. 6, 2 Cor. 3. 1 Cor. i. 
2. Gal. i. 3.) agus sin mu*n do phàigh e da-rìr- 
eadh luach ar saorsa do Dhia. Agus cia ni's 
ro mhò a nise ? Uime sin tha Pòl 'na ùrnaigh 
airson gràisagus sìthe do na naoimh ag achan- 
aich araon ri Dia agus ris an Uan, ag ràdh, 
<' Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n-Athair 
agus o 'n Tighearn losa Criosd.'' Eph. i, 2*. 

Teachd a mach o 'n chathair. Roimh so tha 
e air aithris gu 'n robh na h-uisgeachan so a' 
teachd a mach o slarsaich Taigh an Tighearna, 
(Esec. xlvii. 1, Sech. xiv. 8, Esec. xlvii. 3, 4.) 
Agus a dubhradh ann an àite eile. Thèid iad 
a mach o lerusaleim, se sin an eaglais no taigh 
Dhè mar an ceudna. (Isa. xxii. 22.) Do 
bhrìgh gu'n dubhradh gun robh iad a* teachd 
a mach fo 'n starsaich, theagamh gur ann gu 
nochdadh nach robh iad a' ruith ach iosai 
roimhe, an coimeis ris mar a ta iad a nise. 
Ni a dh* fhaodadh a bhi air a thuigsinn 
mar so, gu'n robh iad a' sruthadh a mach ; 
agus sin a' shruthas a mach gu socrach nach 
ruith e ach mall. Mar an ceudna tha *m fdidh 



36 UISGE NA BEATHA. 

'g radh, an ceud uair a chaidh es an tre na 
h-uisgeachan nach robh iad ach gu ruignah-aob- 
arnan — (Esec. xlvii. 3, 4.) Ach ciod e doimhne 
nan aobarnan an coimeas ris na thàinigan deigh 
sin ? a dubhradh mar an ceudna^ gun robh iad 
a' teachd a mach à lerusalem : agus cha-n eil 
e coltach gu'n robh mòran uisgeachan an sin, 
bha sin a' leigeil ris, cho fad 'sa bha cheud 
shagartachd 'sa 'n ceud teampull agus an 
ceud samla 'nan glòir, gun robh a mhain sgàile 
na nithe neamhaidh ann an cleachdadh, agus 
an sin nach robh gràs a' ruith ach mali, agus 
nach ruitheadh e mòran n'a bu iuaithe do bhrìgh 
nach robh losa fathast air a' ghlòrachadh ; 
oir bha spiorad agus saoibhreas a' ghrkis gu bhi 
air a thoirt seachad an deigh dha-san dol suas. 
Uime sin, a nise, tha losa air dol suas ; tha 
e nise air a ghlòrachadh, a nise tha gràs a' 
teachd a mach fo na chathair agus cha-n ann 
fo starsaich an taighe. " Agus dh'f heuch e 
dhomh abhainn fhiorghlan do dh'uisge na 
beatha, soilleir mar chriostal a' teachd a mach 
à ri chathair Dhè, agus an Uain." 

A' chathair. 'S ann mar shamhl' air a' sin a bha 
cathair na tròcair a bh' ann sa' phàiliunn, an 
ni sin ris an abrair cathair nan gràs, (Exod. 
XXV. 17.) Agus tha i air a gairm cathair nan 
gràs, do bhrìgh 's gur ann uaipe, no mach 
aiste, tha 'n abhainn so do dh' uisge na beatha 
a* sruthadh ; eadhon an sruth so do ghràs De. 
A nise, dh'f haodadh e bhi air fharraid — Cò i 



UISGE NA BEÀTHA. 37 

eathair nan gràs ? 'S e mo f hreagairt-sa — gur 
e daonnachd Chriosd i. Is e Esan a' chathair, 
agus is e esan an lacob anns am beil Dia a' 
suidhe — agus bithidh e 'na chathair ghlòrmhor 
do thaigh Aihar fèin (Isa. xxii. 22—23.) Tha 
uile lànachd na diadhachd a' gabhail còmhnaidh 
gu corporra annsan ; agus bha Dia ann an Criosd 
a' rèiteachadh an t-saoghail ris fèin^ agus 
cha-n urrainn gràs teachd a dh' ionnsaidh 
dhaoine ach tre Chriosd, agus cha ghabh Dia 
ri ar slàinte ach annsan. Ach a thaobh 
gun do labhair mi anns a' cheann-teagaisg 
ni's ro shònrai«?hte air na nithibh sin ; thig- 
eamaid le dànachd a dh' ionnsaidh Cathair nan 
gràs, &c. Agus cha labhair mi uime sin ni 's 
mò aig an àm so. 

Ach a mhain air leam gur glòrmhor an t-ainm 
a ta 'n Spiorad Naomh' a' toirt do dhaonnachd 
Chriosd, le bhi ga ghairm righ-chathair Dhe. 
Agus saoilidh mi gu'm beil e toirt dha an 
coimeis is àirde, 'nuair a tha e 'g ràdh gur 
ann a mach às a ta 'n abhainn f hior-ghlan 
so do dh'uisge na beatha a* sruthadh. Labh- 
ramaid air an aobhar sin beagan ris an f hacal 
sin (rìgh-chathair, rìgh-chathair Dhè.) 

1. 'S e rìgh-chathair àite-comhnaidh mòr- 
dhalachd agus mòrachd ; agus cha-n f haod 
nithe suarach sam bith, no nithe dìblidh 
teachd dlù do rìgh-chathair. Nise, o 'n is anti 
o'n rìgh-chathair a ta 'n abhainn so do 
dh'uisge na beatha a' sruthadh, tha sin a 
feuchainnn jju'm beil ann an gràs agns 



38 UISGE NA BEATHA. 

ann an tròcaìr mòrdhalachd ; (oir tha guth aig 
gràs mar a ta e teachd a maeh o'n rìgh-cha- 
thar,) agus gu dearbh cha-n eil ni air talamh 
no air nèamh, aig am beil a leithid do chumachd 
's do bhuaidh air a' chridhe, sa th'aig gràs Dè, 
(Hosea iii. 5.) Is e a chuireas duine fo eagal, 
agus air chrith sa bheir air duine a cheann 
achromadh sìos, agus a bhristeas 'na bhloidhibh, 
(ler. xxxiii. 9.) Cha-n eil ni sam bith aig am 
beil a leithid do mhòrdhalachd ann fèin thar 
cridheachan chlann daoine, 'sa th'aig gràs Dè. 

Mar sin, deiream, *nuair a tha e 'g ràdh, gu'm 
beil an abhainn so do dh'uisgenabeatha a* sruth- 
adh a mach a rìgh-chathair Dhè, is ann gu bhi 
feuchainn duinn na mòrdhalachd agus am mòr 
chumachd a ta ann an gràs thar cridheachan 
chlann nan daoine. Tha gaol Dè ga 'r co- 
èigneachadh. 

'Nuair a chaidh Maois suas air tìis a chum an 
t-slèibhe, gus an lagh a ghabhail, bha e fo 
eagal mòr agus air chrith. C 'arson ? A thaobh 
an teine, na toite, agus an tiugh-dhòrchadais 
agus nan tairneanach, &c. Ach 'nuair a chaidh 
e 'n dara h uair suas, "rinn e deifir, agus 
chrom e cheann a chum na talmhuinn, agus rinn 
e aoradh." Ach c*arson ? Do bhrìgh 's gu'n 
cuala e roimhe air a chuir an cèill — gu'n robh 
*' an Tighearna gràsmhor, tròcaireach, fad- 
f huiangach, pailt ann am mathas agus ann am 
firinn : a gleidheadh tròcair do mhìltibh, a' 
mathadh eucairt, easantais, agus peacaidh," &e. 

Cha n-eil ni a bheir buaidh air a* chridhe 



UISGE NA BEATHA. 39 

coltach ri gràs, agus a chuireas thuige gu 
ùmhlachd dhùrachdach agus neo-f huasgailte 
mar a thuirt Daibhidh, " Fidir, mi, O! Thigh- 
earna, agus dearbh mi, rannsaich, m' àirnean 
agus mo chridhe, oir tha do choimhneas gràdh- 
ach fa chomhair moshùl, agus ghluais mi ann ad' 
f hìrinn." ^Sàlm xxvi.23.) Air an aobhar sin, tha 
e *g ràdh a rithist *' Cia oirdhearc do chaoimh- 
neas gràdhach ann 'san talamh uile, O Thigh- 
earna ar Dia !" agus — tha 'n caoimhneas gràdh- 
ach sin iongantach, — oir tha rahòrdhalachd 
agus a' ghlòir oirdheirc sin aige ann fèin a 
cheannsaicheas an cridhe, agus a chlaoidheas 
am peacadh. Agus uime sin, tha còir riagh- 
laidh aig gràs, mar aon a ta riòghachadh. 
Tha rìgh chathair aira gairm rìgh-chathair nan 
gràs, (Rabh iv. 16,) 'se sin cathar air am beil 
no anns am beil e a' rìoghachadh cho math 'sa 
sruthadh uaipe. *' Rìoghachaidh gràs tre f hìr* 
eanteachd, chum na beatha maireannaich tre 
losa Criosd ar Tighearna," Rom. v. 21. 

Anns an dara h-àite^ Mar is e rìgh-chathair 
ionad comhnaidh mòrdhalachd agus mòrachd 
's i mar an ceudna ionad còmhnaidh ùghdarrais, 
agus cumhachd riaghlaidh ; tha so air a 
dhearbhadh o na chaidh aithris cheana : a nise 
tha gràs a' rìoghachadh. Uime sin, tha aobhar 
dòchais gun dean iadsan a chluinneas facal a 
ghràis strìochdadh da ; agus sin air chunnart 
am beatha. " Easan nach creid, bithidh e 
air a dhìteadh " tha na facail so 'nam briathran 



40 UISGE NA BEATHA. 

chumhachdach, 'nam briathran lagha agus 
ìighdarrais ; agus an tì a ni tàìre orra, gheibh 
e mar sin iad. Tha gràs a' sruthadh a niach 
o'n rìgh-chathair, seadh à righ-chathair Dhè 
agus an Uain. Uime sin, a pheacaich, tha 'n 
èigìn air a cur ort, — feumaidh aon do'n 
dithis a bhi mar chrannchur dhut an dara cuid 
feumaidh tu gabhail ri gràs Dè, agus a bhi 
toilichte bhi air do shàbhaladh gu saor leis, 
an aghaidh do dhroch thoilteannais, agus do 
mhi-fhiiighalachd, air neo feumaidh tu bhi 
air do sgrios air son do cheannairc, agus do 
dhiùltadh air a' ghràs so. Uime sin beachd- 
smaointich air do chòr, agus thoir an aire, 
smaointich ciod as fearr dhut a dheanamh. Is 
fearr dhut gèiUeadh do ghràs, agus do thròcair 
Dè, agus gun gabhadh tu gràs gu bhi a* rìogh- 
eachadh tharad, annad, agus air do shon, na 
gu'n rachadh tu 'n cunnart sgrios sìorruidh, do 
bhrìgh 's nach b'àill leat a bhi air d' shaoradh 
le gràs — thoir so fainear, guidheam ort, oir tha 
gràs a nis' ann an ùghdarras, tha e a' rìogh- 
aciiadh, agus a' teachd a mach às an rìgh- 
CHATHAiR. Nise, tha f hios agad !'ur cunn- 
artach an ni, a bhi dol an aghaidh, a' deanamh 
dearmaid, no tàire orra-san a th' ann an ùghdarr- 
as : as fearr dhut iabhairt an aghaidh fichead, 
no *n aghaidh aon neach a th'ann an ùgh- 
darras. Ma tha fearg rìgh mar theachdairean 
bàis (Gnà xvi. 14.) Ma 's e fearg rìgh beucaich 
leòghain, *' niar bheucaich leòghain tha fearg 



UISGE NA BEATHA. 41 

rìgh ; (Caib. xix. 12.) ma tha fearg rìgh mar 
bheucaich leòghain, ciod e fearg Dhè ? agus 
tha fhios agad gur e bhi deanamh tàr- 
cuis air gràs, 'sa bhi diùltadh mathanais, agus 
a bhi neo-thoileach a bhi air do shàbhaladh le 
gràs o chiont a ta toillteannach air bàs ; tha 
fhios agad gur e bhi diùltadh gabhail ris air 
an dòigh sin, do bhrìgh 's gur e sin an dòigh 
is fearr, cionnas a loisgeas sin a chorraich 'na 
t* aghaidh ? cia-mar a bhrosnaicheas sin 
fhearg 'na V aghaidh? Ach cia cho milis 'sa 
tha a bhi 'g gabhail ri gràs, 'nuair a ta e 'iia 
shaor ghràs, 'nuair a ta e 'rìoghachadh, agus 
'nuair a ta e teachd a mach o 'n righ-chathair. 
O ! cia taitneach e. <' Tha 'bholtrach mar 
dhrùchd air an f heur." 

Tha so uime sin, a' gairm do smuaintean is 
cudthromaiche. Tha thu ann an tinn, an teich 
thu maille ri Maois, no maille ri Daibhidh, an 
tuit thu ann an làmhan an Tighearna ? cò dhiù 
is fearr leat dol do dh' ifrinn air son do pheac- 
aidh, no steach do'n bheatha le gràs ? feum- 
aidh aon do 'n dithis a bhi mar chuibhrionn 
dhut mar a dubhradh roimhe, oir is e gràs is 
rìgh, tha e air an rìgh-chathair, agus cha ghabh 
e ri slighe eile gu glòir. Ann-san agus leis-an, 
feumaidh tu seasamh ma bhios dòchasidir agad, 
no ma *s urrainn thu air dhòigh sam bith 
aoibhneas a dheanamh ann an dòchas glòire 
Dhè. Rom. V. 2. 

Anns an treas àite^ Mar is i rìgh-chathair 



42 UISGE NA BEA7HA. 

ionad còmhnaidh mòrdhalachd agus ùghdarraìs, 
's i ionad-còmhnaidh an ùghdarrais is àirde. 
Cha-n eil aon sam bith o's ceann na rìgh- 
chathrach, cha n-eil cùis sam bith gu bhi aìr a 
togail o 'n rìgh-chathair. Tha cùirtean breithe 
beaga no iosal ann, agus fo uachdaranan, agus 
faodaidh e bhith gu'm bi iad sin air uairabh 
mi-cheart ; uime sin, tha e air a cheadachadh do 
neach a' chùis a thogail uapa-san gu breitheamh 
is àirde ; ach o 'n rìgh-chathair cha-n f haod 
neach sam bith a chùis a thogail. Nise tha 
gràs a' rìoghachadh, tha e 'na shuidhe air an 
rìgh-chathair, agus a' sruthadh a mach o 'n 
rìgh-chathair. Faodaidh duine teicheadh o 'n 
iagh chum na rìgh-chathrach, o Mhaois gu 
Criosd uaithe-san a ta labhairt air talamh g'a 
ionnsaidh-san a ta labhairt air nèamh, ach o 
nèamh gu talamh, o Chriosd gu Maois, cha-n 
f haod neach sam bith dol. Thoirmisg Maois 
fèìn e. "" Oir gu firinneach thubhairt Maois ris 
na h-aithrichibh, togaidh an Tighearn bhur 
Dia suas fàidh dhuibh, do bhur bràithribh, 
mar mise ; ris-san èisdibh sibh anns na h-uiie 
nithibh a labhras e ribh; agus tàrlaidh, gach 
anam nach èisd ris an f hàidh, sin gu'n sgrios- 
ar a mach às an t-sluaigh e.'' — Gniomh. iii. 
22, 23. 

Faic a nise am fàidh nuadh so 'na bhreith- 
eamh anns a' chùirt is àirde, 's e maighistear a' 
ghràis, an rìgh-chathair leis am beil gràs a' 
rìoghachadh ; tha eadhon Maois a' ceadach- 



UISGE NA BEATHA. 4?> 

adh do dhaoine teicheadh uaithe fèin a dh'ionn- 
saidh an f hàidh so ; seadh, teicheadh a 
dh' ionnsaidh an diiine so air son dion : ach 
o'n f hàidh so cha-n eil cùis sam bith gu bhi 
air a' togail. Cionnus " a thèid sinn às, ma 
thiondaidheas sinn air falbh uaithe-san a ta 
labhairt o nèamh V' Eabh. xii. 25. 

Tha so uime sin gu bhi gu cùraraaeh air a 
chothromachadh leinne, agus feumaidh sinn a 
thoirt fainear gu ceart. Cha-n e naomh, no 
ministear, no aingeal, no fàidh, a ta labhairt, 
oir cha-n eil annta sin ach sèirbheisich ; ni 
h-eadh, ach is e guth o 'n rìgh-chathair a ta 
ann, guth o'n ùghdarras, o'n ùghdaras is 
àirde ; is e 'n Tighearn o nèamh a ta ann. 
Tha 'n gràs so a' teachd o 'n rìgh-chathair, 
agus air an aobhar sin, feumaidh daoine seas- 
amh no tuiteam leis a' sin. An tì nach tig an so a 
dh'òl, bàsaichidh e gu tartmhor. Esan a dhiùltas 
an t-uisge so a nise, cha-n f haigb e urrad 
deth a rithist, sa shileas o bharr a mheòir (ged a 
shàbhaladh sin anam, " Cionnus a thèid sinn 
as ma ni sinn di-meas air slàinte cho mòr.'* — 
Eabh. li. 3 

Uaithe so, uime sin^ gheibh luchd-diùltaidh, 
piantan cràiteach, agus èibhlean loisgeach ; oir 
thionndaidh iad air falbh o'n rìgh-chathair so, 
agus o'n ghràs a ta sruthadh uaipe, cha bhi 
e gu feum sam bith dhaibh cia be ni a thagras 
iad air an son fèin. Thuit iad o ghiàs, 
agus ciod a chobhras orra? cha robh Criosd 



44 UISGE NA BEATHA. 

èifeachdach dhaibh-san, 'se sin dhaibh-san a ta 
'g iarraidh a bhi air am fireannachadh leis an 
lagh " thuit iad o ghràs." Gal. v. 4. 

Anns a' cheathramh àite, *S i righ-chathair 
ionad-còmhnaidh glòire, ('nuair a thig Mac an 
duine 'na ghlòir, agus uile ainglean naomha 
maiUe ris ; an sin suidhidh e air cathair a 
ghlòire.) Agus mas e cathair a' bhreitheanais 
cathair na glòire. Cia ni's ro mhò na sin 
cathair nan gràs. Air ieam ma ta gu'm faod 
sinn a ràdh, gur i cathair nan gràs, cathair glòire 
Dhè, mar abhios cathair breitheanais'na cathair 
glòire Chriosd, agus gu'm beil gràs a* sruthadh 
o'n righ-chathair, chum is gu'm bi glòir aca 
araon, glòir ann an rathad tròcair. 

1. A chum is gu 'm biodh glòir aiggràs, uime 
sin, rùnaich e gu'm biodh gràs èifeachdach ann, 
agus a chum slàinte cuid; eadhon a **chum 
cliù glòir a ghràis tre an d' rinn e sinne 
taitneach ann a Màac ghràdhach.'* Eph. i. 6. 

Riìnaich e, cha-n e glòir a thoirt do ghniomh- 
arraibh an duine, ach d' a shaorghràs fèin ; agus 
alr an aobhar sin, chuir e gnìomh an duine do 
thaobh fireantachd am fianais Dè, fo chasan 
agus mheas e iad mar luideagan salach ; ach 
dh' àrdaich e a ghràs, rinn e 'na rìgh e, thug e 
dha ùghdarras gu rìoghachadh, dh' ullaich e 
dha rìgh-chathair, agus ghairm e an rìgh- 
chathair sin, righ-chathair nan gràs, agus 
's ann uaipe a ta 'n gràs so a' sruthadh a 
mach, eadhon a chum a chliù agus a ghlòire 



UJSGE NA BEATHA. 45 

fèin ann, agus tre shlàint' èifeaehdach na 
h-aiteam a ghabhas ris, agus naeh gabh ris gu 
diomhain. 

Mar a ta gràs air àrdachadh, agus a' sruth- 
adh a mach o'n rìgh-chathair a chum a chliù 
fèin, agus chum a ghlòire fèm, tha e mar an 
ceudna air àrdachadh mar so, ann a bhi 
sruthadh a mach mar abhainn d'ar n-ionns- 
aidh-ne, chum 's gu'm bitheamaid 'n-ar cliù agus 
'n-arglòir dha san a dh'àrdaich e. Sinne a fhuair 
e, agus a thug sinn-fèin suas do'n rìgh-chathair 
o'm beil e sruthadh, fhuarsinn leis oighreachd, 
air dhuinn a bhi air ar roi'-òrduchadh a rèir 
rùin an tì a ta 'g oibreachadh nan uile nithe a 
rèir comhairle a thoile fèin, ionnas gu'm biodh- 
maid a chum cliù a ghlòire san (Eph. i. 11, 
12.) Mar so ma ta gur i an rìgh-chathair so 
rìgh-chathair glòire. '* B e rìgh-chathair àrd 
agus ghlòrmhor, o thùs ionad ar dìdinn ;" nise, 
ciod a ta 'leantainn uaithe so^ ach iadsan a ta 
gabhail ris a' ghràs so, tha iad a' tòirt glòir 
do Dhia air son a ghràis, a' glòrachadh a 
ghràis, agus a' glòrachadh facal a ghràis : tha 
ìeithid sin, tha mi 'g ràdh, a' glòrachadh Dhè 
air son a thròcair; (Rom. xv. 9, 12,) tha iad a' 
glòrachadh Dhè le'n i^imhlachd do shoisgeul 
Chriosd, ni is e deagh sgèil gràis Dè, 
(Gniomh xx, 24.) Tha iad maille ri Abraham 
a' creidsinn agus a' toirt glòire do Dhia, (Kom. 
iv. 20,) agus maille ris na cinnich a' glòrach- 
adh facail an Tighearna. Gniomh. xiii. 48. 



46 UISGK iNA Bfc^ATHA. 

Ach a bhì deanamh tàire air gràs, 's a bhi 
deanamh tailceis air an spiorad, agus a bhi 
cuir ar gniomharran fèin air thoisich air gràs ; 
ciod e sin ach a bhì deanamh dìmeas air Dia? 
eadhon a biii deanamh tàir air 'nuair a ta e 
air a rìgh-chathair, seadh, 'nuair a ta e air 
rìgh-chathair a ghlòire. Tha mi 'g radh, gur e 
so a bhi tilgeadh smugaid 'na aodainn, eadhon 
'nuair a ta e 'g iarraidh ort cromadh sios 'na 
làthair, ùmhlachd a thoirt dha, agus giòir a 
thoirt do ghràs a ghlòire, a ta teachd a mach o 
rìgh-chathar a ghlòire. Ma bha daoine 'san 
àm o shean aìr an dìteadh, a chionn nach do 
ghl' raich iad e mar Dhia, nach bi iad ni 's mò 
na bhi air an dìteadh ; mas urrainn ni's mò a 
bhith ; nach eil ga ghlòrachadh air son a ghràis ? 
agus gu cinnteach, cha ghlòraich a h-aon e air 
son a ghràis, ach iadsan a dhlùthaich ris, agus 
a thug iad-fèin suas da. Luchd-labhairt mu 
ghràs, cha-n eil iad ach 'nan-luchd-fanaid air 
Dia. ladsan a mhain a labhras gu math mu 
ghràs, ach nach eil ga'n toirt fèin suas da, cha 
n-eil iad ach a' labhairt mu ni nach aithne 
dhaibh, seadh, eadhon a' miodal ris. Ach 
dh'àrdaich Dia a ghràs, chuir 'se suas air an 
rìgh-chathair e, agus mar sin roinn 'se e 'na 
rìgh, agus thug a dha ùghdarras gu rìoghach- 
adh ; agus tha thusa a' dol seachad agus a' 
cluinntinn mu thimchioll, ach cha-n eil thu 
toirt gèill da, no ga d' a thoir fèin suas da, aon 
chuid t'-anam no do chorp : ciod so ach a bhi 



UISGE NA BEATHA. 4? 

miodal ri Dia le do bhilibh, agus a bhi deaiidaih 
bhreug dha le do theangaidh ; ciod e sin ach a 
bhi mheas gur e is lugha gliocas na thu-fèin, 
'nuair a ta es-an ag iarraidh glòire leis a sin, 
leis an ni sin leis nach toir thusa glòir dha, 
'nuair a ta e a' foiilseachadh a ghràis 'na 
t' f hianais anns an t-saoghal o*n rìgh-chathair. 
agus tha thusa dol seachad agus ag ràdh ni 
breagha ris, ach tha thu leantainn sin a ta 
treòrachadh càlg-dhireach *na aghaidh. Crioth 
naichibh ! criothnaichibh ! O pheacacha, a 
ta deanamh tàire air saibhreas a mhathais. 
Tha 'n lath' a' teachd, 'nuair a dh' amhairceàs 
sibh, sa bhios sibh fo ionghnadh, agus air 
bhur claoidh, mar faigh gràs buaidh mailie 
ribh, agus mar aontaich sibh a bhi air bhur 
sàbhaladh leis, a chum cliìì a ghlòire, (Gniomh. 
xiii. 38 — 41,) agus a chum glòir dhasan a 
chuir air an rìgh chathair e. Dan. vii. 9. 

Anns a chùigeamh àite^ 'S e rìgh-chathair 
ionad-còmhnaidh gìiocais. Uime sin, tha es-an a 
tha'nashuidhe air an righ-chathair, airaghairm 
losda nan laithean^ an Dia neo-chrìochnach 
ìun an gliocas, aig an robh a tiirusgan geal 
mar shneachda, agus falt a chinn mar ollainn 
f hior-ghlain, tha a ghliocas a ta air a thaisb- 
eanadh a mach dhuinn. Uime sin, 'nuair a 
ta sinn a* leughadh mar so, gu 'm beiì abhainn 
do ghràs a' sruthadh a mach o 'n rìgh-chathair, 
seadh, o rìgh-chathair Dhè, tha sin mar gu'n 
abramaid, mheas an Dia a ta mhain glic, agus 



48 UISGE NA BEATHA. 

do 'n aithne gach slighe gu h-iomlan 'na 
ghliocas gu'm be 'bhi sàbhaladh dhaoine 
le gràs, an rathad a b'f hearr, bu shàbhailte, 
agus bu chinntiche. Air an aobhar sin, 'sann 
o chreideamh a ta 'n oighreachd, ionnus gu'm 
biodh e tre ghràs : a chum 's gu'm biodh an 
gealladh daingean do'n tsìol uile. — (Rom. iv. 
J4.) Agus a rithist, tha mathanas a rèir saibh. 
reas a ghràis anns an robh e ro phailte dhuinn 
anns an uile ghliocas agus tliuigse, (Eph. i. 7» 
8.) Tha bhi cuir gràs air an rìgh-chathair, 
uime sin, agus a bhi toirt air sruthadh a mach 
o 'n rìgh-chathair mar abhainn, air a mheas 
leis an Dia a ta mhain glic, mar an rathad is 
fearr, is cinntiche, agus is freagarraich do 
chòr an duine pheacaich, agus is fearr a ni 
niealladh dòchais air an diobhal, air a' bhàs, 
agus air ifrinn. 'S urrainn gràs buanachadh ann 
a bhi mathadh, a' taisbeanadh deagh-ghean, 
agus a' sàbhaladh o thuiteam ; ann an tuiteam, 
agus a mach a tuiteam. 'S urrainn gràs 
comhfhurt a thoirt dhaibh-san a lot iad-fèin. 
Agus 's urrainn gràs a mhuinntir neo-airigh a 
thoirt a chum glòire. Agus so chan urrainn 
an iagh a dheanamh, agus so cha-n urrainn 
duine a dheanamh, agus so cha-n urrainn 
ainghlean a dheanamh, agus cha dean Dia e air 
dhòigh sam bith eile, ach a mhain le saibhreas 
a ghràis, tre 'n t-saorsa a ta ann an losa 
Criosd. 

IJime sin, a chionn 's gun do chuir Dia 



LISGE KA BEATHA. 49 

gràs air an rìgh-chathair. agus gun d'òiduich e 
gu 'ni biodh e a' sruthadh a mach o'n rìgh- 
chathaìr a chum an t saoghail. Seadh a 
chionn 's gun d' rinn e rìgh dheth, agus gu'n 
tug e dha-san, agus dhasan a mhain, ùghdarras 
agus uachdranachd a chum a bhi sàbhaladh 
anmannan, dh'àrdaich e, cha-n e mhain a 
ghàol, ach a ghliocas agus a thuigse am 
Hanais chlann nan daoine, (2 Sam. xiv. 14, 
Gnàth, viii. 11, 12.) 'S e so ma ta àrd-chomh- 
airle Dhè, eadhon àrd-cheum diomhaireachd a 
ghliocais ; air an aobhar sin, tha air a radh, 
mar a dh'ainmicheadh roimhe, gun robh e ro 
phailte dhuinn anns an uile ghliocas- agus 
thuigse. Mar sin, ma ta, es-an a thig agus a 
dh'òlas do'n uisge so, tha e a' glòrachadh Dhè 
air son a ghliocas, a cliùdhachadh Dhè air son a 
ghliocais. Tha leithid so do neach ag radh, 
Is e Dia a ta nìhain glic, agus air cromadli a 
chinn da, their e rithist, — do 'n Dia a ta 
mhain glic, gun robh a' ghlòir, araon a nis' agus 
gu sìorruidh, Amen, 

Ach es-an a ni tàir' air a' ghràs so, tha e 
seasamh a mach an aghaidìi a' ghliocas is àirde, 
eadhon gliocas air an rìgh-chathair ; tha e 'g 
ràdh ann fèin. Tha mi ni's glice na Daniel, 
agus ni's glice na breitheanas Dè. B'urrainn 
mi rathad n'a bu shàbhailte fhaotainn do 
nèamh mi-fèin, agus na'm bithinn ann aii 
comhairle Dhè, dh'innsinn sin da. Tha 
leithid so do thoibheum uabhasach, a' sruthadii 



50 UISGE NA BEATHA. 

gu nàdurrach uaith-san leis nach b'àill gu'm 
biodh gràs 'na rìgh air an rìgh-chathair, agus 
leis nach b'àill gu 'm biodh e sruthadh uaithe 
a chum an t-saoghail. *' An teagaisg es an a 
ni strì ris an Uile chumhachdach ^ es-an a 
thagras ri Dia, freagradh e air a shon." lob 
xl. 2. 

Tha 'n t-Abstol ag ràdh, gu'm beil an 
dearbh theagaisg so do na Greugaich ghlice 
'na amaideachd, agus a' shearmonachadh mar 
ni faoin dhaibh, ach foillsichear e, eadhou 
'nuair a thig crìoch nan uiìe nithe, agus 'nuair 
a chuireas a' mhuinntir ghlice sin le 'n gliocas 
amaideach iad-fèin do dh'ifrinn, chìtear an 
sin gur glic' amaideachd Dhè na daoine, agus 
gur treise anmhuinneachd Dhè na daaine. 
1 Cor. i- 21—2.5 

A thaobh gu'n robh losa Criosd iosal anns 
an tsaoghal so, tha e Je cuid air a shaltairt 
fo 'n casan, ach is rìgh-chathair ghlòrmhor e 
ann an taigh Athar fèin : oir a chionn gu 'm 
be iri(jslachd an ceuj3i a b'isle, tha eairàrdach- 
adh gu bhi 'na rìgh-chathair do Dhia, seadh, 
tha e air a dheanamh 'na thobar às am beil 
gràs do ghnà a* sruthadh mar abhnaichean 
agus a teachd a nios mar shruth cumhachdach 
d'ar n-ionnsaidh-ne. 

Uime sin, cò-dhùnaidh mi an ceann so, 

araon le comhf hurt a^us rabhadh ; le comh- 

f hijrt, agus sin do thaobh na tearuinnteachd a 

a acasan a thug da rìreadh gèill do ghràa, 



UISGE NA BEATHA. 51 

*« cha bhi uachdaranachd aig a'pheacadh oirbh, 
oir cha-n eil sibh fo 'n lagh ach fo ghràs.^* 
Agus biodh e 'na rabhadh dhaibh-san a ta 
deanamh tàire air. Thugaibh an aire^is cunnart- 
ach a ni a bhi seasamh mach an aghaidh 
gìiocais Dè. Nise, ann an so tha glìocas Dè. 
eadhon an gliocas a ta aìr an rìgh-chathair. 
B'e toil Dè air son glòir a ghliocas an 
t-slighe so a chorìiharrachadh a mach, eadhon, 
gràs a chuir suas a chum rìoghachadh. Smuain- 
ich mi iomadh uair, agus thuirt mi cuid 
do dh'uairean, ma bhios Dia toileach a bhi 
tearnadh pheacach air dòigh sam bith, 's 
cinnteach gur ann air an dòigh a chomharraich 
e fèin a mach. A nise^ 's i s© an t-slighe a 
chomharraich e-fèin a mach, torradh agus èif- 
eachd a ghliocas fèin : uime sin, a pheacacha, 
toilichibh e, toiHchibh e le's an ni sin leis am 
beil e fèin làn-thoilichte. Thig a chum nan 
uisgeachan, tilg thu fèin annta, agus na biodh 
eagal ort a bhi bàite ; leig do Dhia a mhain do 
ghiùlan a dh' ionnsaidh a Phàrras, a churn 
's gu'm faic thu 'rìgh-chathair. 

Anns an t seadhamh àite. 'S e 'n rìgh-chathair 
ionad-cbmhnaidh dìlseachd agus fìrinn, 's i 
àitecuiran gnìomb gach nithaghabhair oslàimh, 
agus coilionadh nan geallaidhean. ^''Nuair 
a ghabhas mi an coithional do m' ionnsaidh" 
arsa Criosd, ^'bhpir mi breth cheart," (Salm. 
Ixxv. 2, Eph. xxii. 23,) 'se sin gu dìleas, agus 
a nise, ghabh se iad, agus tha e air a dhean- 



52 UISGE NA BKATUA. 

ainh'ua clieinii tliar na h-uile nìth dhaibh ; agiis 
air an aobhar sin^ tha e air an rìgh-chathair 
o'm beil an gràs so gu lèir a' sruthadh mar 
abhainn o nèamh a chum an t-saoghail. Cha 
ni sam bith eile an abhainn so, ma ta, ach 
coilionadh nan geallaidhean. *' Mar tèid mise 
air falbh, cha tig an conihfhurtair do V 
n-ionnsaidh. Ach madh'fhalbhas mise, cuiridh 
mì es-an d'ar n-ionnsaidh.'* (Eoin xvi. 7?) 'se sin 
a ni mu'n do labhradh leis an f hàidh, loel. 
" Agus tàrlaidh anns na laithibh deireannach, 
(deir an Tighearna,) gun dòirt mise do mo 
spiorad air na h-uile f heòil," &c. A nise 's e 'n 
abhainn so spiorad, agus gràs Dè, a bha aìr a 
ghealltainn lois an Athair do 'n MhaCj agus a 
ta nise a' teachd a' ruith o rìgh chathair-Dhè 
agus an Uain. Oir air dha a bhi nis' air 
àrdachadh le deas-làimh Dhè, agus gealladh 
an Athar fhaotainn, eadhon gealladh an 
Spiorad, dhoirt e mach sin a ta sibhse a' nise 
a'faicinn agùs a'cluinntinn, Gniomh. ii. 16 — 18. 
Feuch, ma ta, cia cho cuimhneach, cia cho 
'irramach, cia cho dìleas 'sa tha ar n- Athairagus 
Uan J)è ! Cha toir àrdachadh, no crùn, air a 
bhochdan air talamh a dearmad ; ni h-eadh, 
ach 'sann do bhrìgh e bhi air àrdachadh, agus 
e bhi iùì' an rìgh chathair, a tha leithid do 
dh' abhainn, le sruthaibh òir a' teachd a mach 
o'n rìgh-chathair do 'r 'n-ionnsaidh-ne. Agus 
sruthaidh i fathast gu bhi ni's àlrde na bha 
ataireachd lordain riamh. Is fior nach eil i a' 



UISGE NA BEATHA. 53 

ruìth cho àrd a nìse, 'sa bha i anns na laìthihh 
o chian, do 'bhrìgh mallachd Dhè, a ta air 
an anacriosd, leis am beil tìr pobuill Dè, làn 
do dhrisean agus do dhroighean, (Isà. xxii. 
13, 17.) ach 'nuair as ilse an làn-mara, 's ann 
is faisg* e air lionadh ; agus èiridh an abh- 
ainn so ann an ùine ghearr, agus cha bhi i gu 
bràth tuille cho iosal ri doimhne nan aobharnan ; 
achbithidhi suas gu ruig na glùinean,seadhagus 
na leasraidh^ agus bithidh i na h abhainn leath- 
ain a chum snàmh innte (Esec. xlvii.4.) '' Ach 
an sin bithidh an Tighearna glòrmhor dhuine 
'ua ionad abhnaichean agus shruthan leathan." 
— (Isa. xxxiii. 21, Tais. xxii. 3, 4.) Agns 
cha bhi mallachd nis mò ann 'san eaglais, 
(lob XX. 17.) Ach bithidh rìgh-chathair Dhè 
agus an Uain innte, agus ni a shèirbhisich 
seirbhis dha gun sgìos. 

Is briathriin fìrinneach agus dìleas iad sin, 
agus ann am f ìrinn bithidh iad air an coilionadh 
do 'n eaglais o rìgh-chathair Dhè agus an Uain. 
'S e fìrinn agus dìlseachd annsan a riaghlas, a 
ni Sion aoibhneach ; do bhrìgh, le sin gu'n toir 
na geallaidliean, a mach baine agus mih 
Oir a nise, tha Dia fìrinneach agus dìleas, a 
chumas cùmhnant, a' colionadh do'n Eaglais^ 
sin a gheall e dh*i. Uime sin, sruthaidh ar 
n-abhnaichean, agus bheir ar sruthan a mach 
mil agus ìm. 

Deanadh so uile phobull De a theagaisg gu 
dòchàs a bhi aca^ agus a bhi feitheamh ri 



54 UISGE NA BEATHA. 

nithe matha o'n rìgh-chiithair. Ach O ! shaoil- 
inn, an rìgh-chathair so o'm beil gach math a' 
sruthadh a mach mar abnainn ; cò nach biodh 
'na iochdran dh'i ? cò nach deanadh aoradh fa 
comhair ? Ach, 

An/iS an t-sheachdamh àite, 'S e rìgh- 
chathair ionad còmhnaidh ceartais. '' Is iad 
ceartas ggus breitheanas, àite tàimh do rìgh- 
chathrach," (Salm. Ixxxix. 14.) Agus is ann 
niar an ceudna o cheartas a ta 'n abhainn so 
do ghràs a' sruthad-h d*ar n ionnsaidh-ne : 
ceartas do ihaobh Chriosd, agus ceartas d'an 
taobh-san a ta air am faotainn ann. Tha Dia 
a* cuir an cèill, gur urrainn e fìreanachadh gu 
cearc, agus mathadh gu ceart ; a nise, ma's 
urrainn e fìreanachadh, gu ceart agus mathadh 
gu ceart, (Rom. iii. 24,) an sin is urrainn e gràs 
a thoirt, seachad, agus toirt air a bhi sruthadh 
a mach, seadh, a bhi sruthadh a mach mar 
abhainn d'ar n-ionnsaidh, (1 Eoin i. 9.) 
An abhainn a bhrùc a mach às a' chreig 
anns an f hàsach, ruith i an deigh an t-sluaigh 
tre 'n f hàsach anns an robh iad air seachran. 
Dh' òl ad às a' chreig a lean iad, cha do 
ghluais a' chreig, ach lean an tuil iad ge be 
taobh a chaidh iad. (1 Cor. x. 4.) ^' Dh' 
f hosgal e a' chreag, agus bhrùc uisgeachan 
a mach, ruith e air na h-ionadaibh tioraiua, 
mar abhainn/' Sàlm cv. 4l. 

Bha charraig so, ars'es-an^ mar shamhla air 
Criosd, ach an nise, 's e'n rì^h-chathair so 



UISGE NA BEATFIA. 55 

Criosd fèin, agus bha *n t uisge bhrìjc a 
mach às a' chreig, agus a lean iad anns an 
fhàsach, (gu bhi a feuchainn 'nuair thigeadh 
Criosd gu bhi 'na rìgh-chathair) an dòigh air 
an a leanadh gràs agus mathas ruinne do'n 
fhàsach, agus mar sin am fad 'sa bhios sinn 
innte. Uime sin, air do Dhaibhidh a bhi 
smaointeachadh air a so, thuirt e, ^' Gu cinnt- 
each leanaidh math agus tròcair mi uiie laithean 
mo bheatha, agus còmhnaichidh mi ann an 
tigh an Tighearna fad mo ìàithean." xxiii. 6. 

Ach cò às a dhTheumas so teachd ? Tha 
hriathran ar cinn-teagaisg ag radh gur ann o 'n 
rìgh-chathair, o ionad-còmhnaidh a' cheartais ; 
eadhon o sin do thaobh na fhuair es-an ann an 
Criosd air ar son ; tha es-an do thaobh sin, 
ann an rathad fìreantachd agus ceartas, a' 
leigeìl a raach d'ar n-ionnsaidh-ne abhnaichean 
sòlais ; da mathair-uisge no bun, an cuan 
mòr farsuinn do thròcair a ta sruthadh 'na 
chridhe neo-chrìochnach thar smuaintean 
dhaoine. 

Tha na h-uile ni pàighte air ar sonainne, 
agus air son gràis, (1 Cor. vi. 20, Eoin vii. 
^9,) cheannaicheadh le luach sinn, choisinn E 
sìàinte shìorruidh air ar son ; seadh, agus is 
leis-an sinn, agus is leinne nèamh uaith sin, 
mar tha'n abhainn sin do ghràs air a cosnadh 
dhuinn leis-an. Uime sin tha gach ni a' teachd 
d'ar n-ionnsaidh ann an rathad ceartais agus 
fireantachd. *S ann uaithe sin a theirear gu'm 



56 UISGE NA BEATHA. 

beil sinn a' faotainn (TPÌcleimh tre f hlreantac.hd 
Dhè, (2 Ped. i. 1,) 'se sin tre cheartas Dè, 
agus ar Tighearna losa Criosd. Thoir fanear 
ann an so mar a ta ceartas Dè, agus 
ceartas ar Tighearna losa Criot^d : agus thi3 ar 
creideamh againn o cheartas Dè, do bhrìgh 
fìreantachd losa Criosd ar Tighearna, 's e sin 
fhreagar losa le oibribh ceartais do dh' ui'p 
f hèich a' cheartais, agus uime sin ann an rathad 
ceartais agus diolaidh, tha gràs a' rìoghachadh 
agus a' teachd d'ar n ionnsaidh mar abhainn, 
mar a ta air a shamhlachadh le e bhi teachd 
d'ar n-ionnsaidh o'n rìgh-chathair. 
Agus a rithist; thd e air a radh gu'm beil gràs a' 
rìoghachadh tre fhìreantachd achum na beatha 
maireannaich, (Rom. v. 21.) Cò an fhìrean- 
tachd troi'm beil e a' rìoghachadh ? tha tre 
fhìreantachd no cheartas Dè le losa Criosd 
ar Tighearna, le losa Criosd no air a sgàth. 
Air a sgàth thubhairt mi, tha sinn a' faotainn 
mathanais ; agus air a sgàth a tha sinn a' faot- 
ainn na h-uile ni a bhuineecS do bheatha agus 
do dhiadhachd. Agus 's ann a nìos leisan sruth 
so, no tre shruth na h-abhna so ann an rathad 
ceartas a ta na h-uile ni a' teachd d ar n-ionn 
saidh, agus air an aobhar sin, theirear gu'm 
beil e 'teachd o 'n rìgh-chathair. 

Jnns an ochtlamh àite, 'S e 'n rìgh-chathair 
so ionad-còmhnaidh gràis agus tròcair ; agus 
air an aobhar sin, tha i air a ghairm chathaii 
na tròcair, agus càthair nan gràs, Tha chath 



CISGE NA JBEArii/V. 57 

air so a' tionndadh gach ni gu gràs. Bheir an 
rìgh-chathair so air na huile ni oibreachadh a 
chum ar matha. Tha air a radh mu Mhic 
Shaul, nach robh iad air an adhlaiceadh an 
deigh dhaibh a bhi air an crochadh gus an do 
thuit driùchd o nèamh orra. (2 Sam. xxi. 19 — 
14.) Agus faodar a radh mu'r timchioU-ne, 
eadhon naeh eil e leigeil le nì sam bith 
teachd am fagus dhuinn, gus am beil e g' ar 
n-ionnlad anns an uisge so a ta teachd a mach 
o chathair nan gràs. Uime sin, *s ann o 
giii'às a ta àmhghar geur-leanmhainn ; bochd- 
ainn agus trioblaid a' sruthadh ; seadh, tha'm 
bàs fèin air a dheanamh 'na bheannachd 
dÌMiinne le gràs Dè tre Chriosd. (Sailm. cxix. 
67. 1 Cor. iii. 22 Tais. iii. 19. Eabh. vii. 
5 — 7-) O! an gràs, O ea^ilais shòna Dhè! 
tha na h-uile ni a ti tachairt riut aìr sgàth 
chriosd air a thiunndadh gu gràs, Chuala 
sifiM mu na chloich bhuadhaich, agus na'm 
fcìigheadh neach i gu'n tionndadh i gach ni 
ris am beanadh i gu òr. Ach O ! feuch an 
tionndaidheadhi nah-uile ni gu gràs? an urrainn 
i na h-uile ni a cho-oibreachadh le chèile a 
chum matha? Cha-n urrainri, cha-n urrainn, 
cha n-eil an f heart, a' bhuaigh, an t-oirdhearcas 
so, na ciod a their mi ris, cha-n eil e ann an 
ni san bith ach anns a' ghràs a ta rìoghachadh 
air rìgh-chathair nan gràs ; eadhon anns an 
abhainn a ta a' sruthadh a niach à rìgh-chathair 
Dhe. Tha so a tionndadh mòrdhalachd, 

F 



58 UISGF. NA I5h:ATIl \. 

tìghdarrais,ant-ùghdarrasis àirde, glòir, gliocas, 
f ìrinn agus ceartas, agus na h-uile ni gu gràs. 
Ann an so tha rìgh-chathair ! Tha Dia a' leigeil 
dhuinn a faicinn, f huar Eoin do dh' urram 
sealladh f haicinn d'i fèin agus do na sruthaibh 
a ta teachd a mach uaipe. O an sealladh 
taitneach ! *' dh' fheuch e dliomh abhainn 
fhior-ghlan do dh*uisge na beatha a teachd 
a mach à righ chathair Dhè." 

Gu dearbh, mar a dubhradh, roimh so ann 
an lathaibh rìoghachadh an anacriosd^ cha-n 
eil na seallaidhean so ga'm faotainn, a nise tha e 
cumail air ais aghaidh a rìgh-chathrach ; agus 
a' sgaoileadh neul oirre ; ach tha sinn a' faotainn 
socharean sàbhalaidh agus dionaidh uaipe, mar 
a bha na naoimh eìle mar an ceudna g'am 
faotainn ann an lathaibh neulach agus doracha. 
Agus do thaobh 's gu 'm beil sinn a' faicinn 
na h-urrad dheth, is còir dhuinn an tuilleadh 
a chreidsinn : agus le bhi creidsinn a bhi 
toirt glòire do Dhìa. Feumaidh sinn saoith- 
reachadh air son eòlas ni's soilleire f haotainn 
air an rìgh-chathair o 'n sgriobtur ; oir 's e 
facal naomha Dhè a' ghlain'-amhairc leis am 
faod sinn le aghaidh gun fhalàch, glòir an 
Tighearna fhaicinn. — 2 Cor. iii. 18. 

Ach air ieam nach do labhair mi bheag 
'sam bith mu'n rìgh-chathair so ; oir cha ni 
sam bith eile i ach daonnachd ghlòrmhor gun 
smal Mhic Dhè. 'S e 'n rìgh-chathair so an 
Tighearna losa, tha 'n gràs so a' teachd o'n 



UISGE NA BEATHA. 59 

mhòrachd diiìadiiaidh iiiar a ta i a' gabhail 
còmhnaidh gu corparra ann' san Tighearna losa. 
^' Air an aobhar sin tuiteamaid sios fa chomhair 
narìgh-chathracb, agus tìlgeamaid ar crùintean 
an làthair na rìgh chathrach, agus thugamaid 
glòir do'n tì a ta 'na shuidhe air an rìgh-chathair, 
agus do 'n Uan gu saoghal nan saoghal.*' 

O ciod an gaol bu chòir dhuinn a blii 
againn do dh' losa ! is suidheachan rìoghail 
rìgh-chathair an Rìgh. (1 Rìgh. x. 20.) 
Thasa g' radh mu rìgh-chathair Sholaimh, 
nach rohli a h-aon coìtach rithe ann an rìgh- 
eachd sam bith, ach mu'n rìgh-chathair so, 
faodar a ràdh nach eil aon coltach ri air 
nèamh no air talamh. Aig cur suas na rìgh- 
cliathrach so, thional na h-ainglean, agus na 
beathaichean, agus na seanairibh mu'n cuairt 
d'i, a dh' amharc oirre. (Tais. iv. 8 — 1(1) 
'Nuair a bha 'n rìgh-chathair so ga cuir suas 
ann an nèamh, bba tosd ann, bha 'n sluagli 
nèamhaidh air an lionadh le leithid do 
dir ionghantas ris an t-sealladh, agus nacli 
robh ùin* aca gu labhairt : 'Nuar a chuireadh 
an rìgh-chathair so suas ann an nèamh, eiod 
an còmhrradh a bha 'n sin, bha e mar cheòl na 
tròmpaid. 

^* Agus feuch, (deir Eoin) bha dorus fosgailt 
air nèamh, agus bha 'n ceud ghuth a chuaia 
mi, mar fuaim tròmpaid a' labhairt rium, ag 
radh, thig a nios an so pgus nochdaidh mise 
dhuit nithe as èigin tachairt an dèigh so^ 



60 UISGE NA BEATHA. 

A^us air ball bha mi 'san spiorad, agus feuch 
bha rìgh-chathair air a suidheachadh .air 
ijèamh, agus bha neach 'na shuidh air an rìgh- 
chathair." — Tais. iv. I, 2. 

Be'n rìgh-chathair sin losa Criosd air 
àrdachadh, air a shuidheachadh, 'se sin air a 
thogail suas, cha-n ann mar bha e air a' chrann- 
cheusaidh, a chum tàire agus fanaid a bhi air 
a dheanamh air a phearsa, ach mar a thuirt 
mi, ehum iongantais nan ceithir beathaichean, 
nan seanairean, agus nan ainglean ann an 
nèamh. Bha rìgh.chathair air a suidheachadh 
ann an nèamh, agus bha neach 'na shuidhe 
oirre, 's e 'n neach sin Dia ; agus tha so a' 
leigeadh ris fhois ion-mhiannaichte gu bràth, 
oir tha bhi suidhe a' ciallachadh fois, agus 's e 
Criosd fois shìorruidh Dhè. Agus an e nach 
fiù so amharc air ? seadh, b* fhiù do dh' Eoin 
dol ann air a làmhan agus air a ghlùinean ; 
tha mi 'g radh gu'm b' f hiù e shaothair dol 
a dh'amhaic an Tighearna losa mar rìgh- 
chathair air a suidheachadh ann an neamh, 
agus glòir an Tighearna a' gabhail fois agus 
còmhnaidh air agus a' toirt a mach leis na 
h-uile ni, cha-n ann a mhain le fhacal^ ach le 
friothaladh a f hreasdail uile gn deireadh an 
t-saoghail ! agus a bheannachd so a measg 
chàich, — " eadhon abhainn f hiorghlan do 
dii' uisge no beatha, soilleir mar chriostal." 

Ach bithidli mi a' fàgailani so, achumabhi 
teachd air m' aghaidh a dh'ionnsaidh a cheath- 



UISGE KA BEATHA. 61 

rnnih ni; eadhon, nàdur agus brìgii an uisge so ; 
thae ag ràdh gu'm beii e '' fiorghlan agus soil- 
leir iiiar chriostal." *' Agus dh^f heuch e dhomh 
abhainn fhiorghlan do dh' uisge na beatha, soill- 
eirmar chriostal." Thafhios agam gu'm beil 
brìgh dà-fhillt ann an ni, aon do thaobh a 
nàduir, agus an aon eile do thaobh oibreachaidh. 
Tha 'n ceud aon dhiù sin neo-sgaranta, agus a' 
fantainn anns an ni fèin, agus mar sin mar is 
trice gun stàth. Tha 'n t-aon eile air fhaicinn 
'nuair a chuirear a mach e, agus a choinn- 
icheas e ri ni air an oibrich e gu saor. Mar 
ga'm b'eadh, Uisge-heatha^ an dearbh shamhla a 
ta so air a ghnàthachadh, tha buaidh neo- 
sgaranta ann fèin, ach ciìm 'na stad e ann an 
searraig, agus faodaidii gach neach fàiilneach- 
adh a dh'andeoin na buaidhe sin; ach gnàthaich 
e, gnàthaich air chòir e, agus do gacii aon aig 
am beil feum air, chì thu bhuaidli ie oibhreach- 
adh. Tha 'n t-uisge so, an abhainn so do 
ghràs, air a gairm '* uisge na beatha," agus 
mar a ta 'n t-ainm sin air a ràdh ris, tha 
buaidh bheannaiclite aig ann fèin ; ach tha 
oibreachadh air fhaicinn le e bhi air a chleachd- 
adh, agus 'se sin a mhain a leigeas ris e, an 
uair a ta e air a fhritheaiadh, agus air a 
ghabhail a chum na crìche gus am beil e air a 
fhrithealadh, oir an sin ath-bheothaichidh e 
beatha far am beil i, agus bheir e beatha far 
nach eil i. An fhad so labhair sinn uin)e 



62 UISGE NA BKATIIA. 

cheana. XJimesin thèidsin airaghaidh gu a bhì a 
labhairt uime ni's ro shònraichte, ach ni's giorra. 
Ariìis sa cheud àite^ ma ta, 's e uisge so na 
beatha dearbh ghrunnd obair na be^tha 
annainne, 's e dearbh bhonn obair na beatha 
air ar sonainne fulangas agus toillteanas 
Chriosd ; 's ann aìr sgàth sin a ta gràs a' teachd 
d' ar n-ionnsaidh-ne, mar a tha na briathraibh 
a' nochdadh tha e teachd a mach à rìgh chathair 
Dhè, 's e sin Criosd. Choisinn Criosd, ma ta, 
gràs dhuinne, agus air an aobhar sin feumaidh 
e bhi gur ann air sgàth a thoillteannais a ta 'n 
gràs a choisinn e mar so a' teachd d'ar 
n-ionnsaidh. Thuilleadh air sin, tha e soilleir, 
gu'm beil spiorad nan gràs a' teachd o Dhia 
troi-san, gur ann a mhain troi-san a ta e 
teachd ; air an aobhar sin, do thaobh co cho- 
munn nan gràs dhuinne 'se toradh toillteannais 
Chriosd. Ach tha mi 'g ràdh, gur e gràs 
annaine, bonn obair na beatha ; oir ged a 
dh' fhaodar a radh 'mur thimchioU, gur ann tre 
bhuaidh pearsa Chriosd a tha sinn beò am 
fianais Dè; gidheadh, tha sìnn marbh annainn- 
fèin, agus bithidh sinn niar sin gus am bi 'n 
spiorad o's n-airde air a dhòrtadh oirnn ; oir is 
beatha an spiorad, agus is beatha a ghràsan, 
agus 'nuar a ta sin air a mheasgachadh le 
Dia o 'righ-chathair, 's ann an sin a bhios 
sinn beò, agus cha bhi gu sin. Agus 's ann 
uime sin a tha e air a ghairm uisge na bealha. 



UISGE NA BEATHA. (53 

ìio 'n tuisge beò a ta a' sruthadh suas a chuni 
na beatha maireannaich. 'S e 'n spiorad. agus 
gràsan an spioraid, a ta an so air a ghabhail a 
staigh fo ainm abhna, sin, agus sin a mhain 
a bheir beatha dhuinn ; tha sin 'na bheatha 
do *n anam, cho math sa tha an t.anam 'na 
bheatha do'n chorp. Tha na h-uile creideaoh, 
mar a du' hradh roimhe, {ged a ta iad air an 
taghadh, agus air an ceannach lefuil Chriosd,) 
marbh, agus bithidh iad mar sin gus an tèid 
^^piorad na beatha o Dhia agus o rìgh-chathair 
a steach annta; agus gus an òl iad a steach e 
le dian thart, mar a dh'òlas an talamh iotmhor 
a steach an t-uisge. 

A nise 'nuair a ta 'n t-uisge beò so air a 
ghabhail, tha e gabhail àit' anns a' chridhe, 
o'm beil e ga sgaoileadh fèin a chum uile chumh- 
achdan an anma 'dhùsgadh. Oir mar anns 
a' cheud chruthachadh a bha spiorad Dhè a' 
gluasad air aghaidh nan uisgeachan, a chum 
an t-uis^' chuir anns an dòigh oirdheirc sin 
anns am beil sinn ga fhaicinn a nise le ar 
suilean, eadhon mar sin anns an nuadh- 
chruthachadh, 's e sin a bhi g'ar deanamh ne 
'n-ar nuadh-chreutairean do Dhia, 's ann le 
sgaoileadh an spiorad a ta e air a dheanamh. 
Oir tha 'n spiorad, (mar a dh'f haodas mi ràdh, 
a' suidhe, agus ga sgaoileadh fèin air cumh- 
achdan an anma, mar a ni chearc air na 
h uibhean fuara, gus am fàs iad blàth, agus 
gn'n gabh iad beatha. 

Tha 'n spiorad nia ta g'ar beathachadh 



64 UISGE NA BEATHA. 

agiis a' toirt an anma inliairbh agus mlielichte 
(oir 'sann mor sin a ta na h-uile roi àm an 
iompachaidh) gu mhoihachadh 'se sin gu 
beachd a bhi aige do staid nàduir, agus do 
staide spioradail : agus 's e so toiseachadh 
obair an spiorad ìeis am beil an t-anam air a 
dheanamh comasach air rud-eigin do thuisge 
bhi a'ge air cò e Dia, agus cò e-fèin. 

Agus tha 'n t-òl a steach so air an spiorad 
ni's ro choltaiche ri mar a dh 'òlas an talamh 
tioram a staigh an t-uisge, no ri mar a dh'òlas 
an t-anam reusant e bho mhothachadh air 
f heum air. 

Tha 'n spiorad mar an ceudna, a' deanamh 
maiseach an anma le leithid do nithe 'sa tha 
freagarrach chum e bhi beò do rèir na bheatha 
sin a ta facal Dè ag iarraidh. Tha e suidh- 
eachadh sòlais, aithreachais, creidheimh, seire, 
iarrtas an deigh Dhè, dòchas. dùrachd, agus 
na h-uile ni a ta feumail a chum duine bha 
peacach a dheanamh *na naomh : 's iad na 
nithe sin tha mi *g ràdh, toraidhean, agus 
èifeachdan an spioraid ; ni is e an "abhainn 
do dh'uisge na beatha a ta teachd amach à rìgh- 
chathair Dhè agus an Uain," (2 Cor. iv. 13.Gal. 
V. 22. 2 Tim, i. 7.) Uime sin, tha 'n spiorad 
air a ghairm, spiorad a* chreidimh, spiorad a' 
ghaoil, spiorad na h-inntinn f hallain ; oir 'se 'n 
spiorad freumh agus màthar-aobhar na nìthe 
sin uile le oilireachadh ann, agus toirt air 
aghaiHh an anma. 

\v\\ a rithist, mar a ta 'n t uisge beò so. 



UISGE NA BEATHA. 65 

gpiorad, agus gràsan so ari t-soisgeil, a' dean- 
amh so, tha iad mar an ceudna a' cumail suas 
na nithe sin a bha aon uair air an suidheachadh 
anns an anam le shìor uìsgeachadh. 'S ann 
uaithe sin a thubhairt e, " Uisgichidh mi e gach 
tiotadh," (Isaiah xxvii. 1 — 4.) le siòr uisgeach- 
adh fhion-lios anam na h-eaglais, gràsan na 
h-eaglais, agus mar sin maran ceudna anam agus 
buadhan maiseach na h-uile dhuine diadhaidh. 

Agus do bhrìgh *s gu'n tachar do na nithe 
leis am beil an Spiorad Naomh' a' deanamh 
sgiamhach an anma, gu'm faod iad seargadh gu 
bàs, seadh, ullamh gu bàsachadh, (Tais. iii. ] 
— 3.) 'nuair a tha sin a' tachairt, tha e, cha-n 
e mh'un ag ìirachadh agus ag uisgeachadh an 
anma, ach ag ath-nuadhachadh aghaidh an 
anma, gu h-iomian an dara cuid le e bfii 
beothachadh na beatha sin a ta fathast ann, 
air neo le tuiUeadh beatha as lìr a chum ar 
cumail diadhaidh a chum na beatha mair- 
eannaich. Mar so tha thu ga uisgeachadh, 
agus ann a bhi ga uisgeachadh, tha thu ga 
dheanamh ro phailt le abhainn Dè, (Salm. 
Ixv. 9.) 

Oir feumaidh sinn aire thoirt mar a ta 'n 
luibh air a shuidheachadh, no 'n sìol air a chur, 
gu'm feum e bhi air uisgeachadh le frasan o 
na speuraibh ; mar sin gu'm feum na gràsan a 
chuireadh le spiorad nan gràs, a bhi air an 
uisgeachadh le frasan o nèamh. *^ Tha thu gu 
pailt ag uisgeachadh imirichean, tha thu a' 



66 UISGK NA BKATHA. 

leigeadh sios a sgrìoban, le frasaibh ni thu 
tais e, beannachaidh tu fhàs/' (Salm Ixv. 10.) 
Uaithe sin, tha e *g ràdh gu'm f as ar gràsan. 
Ach cia mar ? " Bithidh mi mar an drùchd do 
dh' Israel, agus fàsaidh e mar an ìili, agus cur- 
aidh e mach a fhreumhan mar Lebanon. 
Sgaoilidh a gheugan, agus bithidh a mhaise 
niar an crann ola, agus fhàile mar Lebanon. 
Pillidh iadsan a chòmhnaidh fo sgàile, mar an 
t-arbharbithidh iad air an ath bheothachadh ; 
agus fàsaidh iad mar am fionan agus bithidh 
'fhàile mar fhion Lebanoin." (Hos. xiv. 5 — 70 
no maradeireann an àite eile. " Agus stiùraidh 
an Tighearna thu do ghnà, agus sàsaichidh e 
t-anam ri àm tarta, agusùngaidh e do chnàmh- 
an ; agus bithidh tu mar liosair a dheagh uisg- 
eachadh, agus mar thobar f hior-uisge, air nach 
tig fàilinn uisge.*' Isa. Iviii. IL, lere. xxxi. 
12. 

Thuilleadh air so, tha beannachd eiìe a ta 
teachd leis an uisge bheò so ; 's e sin beannachd 
a cho-chomhainn. Na h-uile blàthas a ta 
againn ann ar comunn, is blàthas o'n spiorad a 
trt ann. 'Nuair a bhios cuideachd do naoimh 
air cruinneachadh an ceann a chèile, chum 
dleasanas spioradail sam bith, agus a ta iad a' 
mothachadh an anmannan air an oideachadh, 
agus air am blàthachadh, agus air an deanamij 
subhach an taobh a staigh dhaibh, 's ann do 
bhrìgh 's gu'n tàinig aon do shruthanan na 
h-abhna so a steach 'nam measg. 



UISGE NA BEATHA. 67 

An sin tha criosdaidhean mar dhaoine a dh'òl- 
adh fion, 'na chuachan, subhach, agus àit } do 
bhrìgh 's gu'n d'òl iad a steach do 'n spiorad, agus 
gu'n robh an anmannan air an an ùrachadh le 
gaothan tairis, agus le fion làidir. 'S i so a 
chuirm mu'm beil Isaiah a' labhairt 'nuair a tha 
e 'g ràdh. ** Agus anns sJ bheinn so, ni 'n 
Tighearna do na h-uile chinnich cuirm do 
nithibh blasda, cuirm do dh' f hion aosda, do 
nithe blasda làn do smior, do dh* fhion aosda 
air a dheagh tharruinn/' (Isa. xxv. 6.) Tha e 
air a ghairm ann an àite eile, " cò-chomunn 
an spiorad naoimh,'' (2 Cor. xiii. 14.) Nise, 
tha e*blàthachadh spioraid, ag aonadh spiorad, 
a' beothachadh, ag àrach, a neartachadh grà- 
san ; a* gathnuadhachadh dearbhaidhean, a' 
toirt seann sòlasan chum na cuimhne, a' lag- 
achadh ana-miannan, a' neartachadh agus a' 
togail suas spiorad a' chreidimh, na seirc', an 
dòchais, na h-ùrnaigh, agus a' deanamh an 
f hacail'na bheannachd, agus nan smuaintean 'na 
bheannachd, agus na h-uile dleasanas taitneach 
do 'n anam. 

Agus, a dh* easbhuidh an uisge bheò so, 
tha 'n co-chomunn lag, fann, fuar, marbh, gun 
toradh, gun bheatha : cha-n eil ni airfhaieiun, 
air fhaireachadh air a chluintinn, no air a 
thuigsinn ann an dòigh spiordail, no beothach- 
adh cridhe. Ann an leithid so do staid, tha 
na h-òrduighean 'nan ealach, tha na peacannan 
làidir, an creideamh hig, an cridhe cruaidh ; 



68 UISGE NA BEATHA. 

agus agliaidli nn ar.una tioram, niar thalamh 
teann, taitmhor. 

Tha 'n deoch so g'ar n-ath-bheothachadh, 
'nuar a ta sinn air ar buaireadh, 'nuair a ta 
sinn tinn, no air ar geur-leanmhainn ; 'nuair a 
ta sinn ann an dorcliadas, agus fann le tart. 
'S e beatha a* chreidich uisge na beatha ; 
agus far ani beil e ruithe 's far am beil air a 
ghabhal, agus far am beil ciiìs air an deanìmh 
arms an spiornd so^ tha gach ni gu math ; tlia 'n 
eaglais tartmhor, tha an t-anam tartraor, tha na 
giàsan tartmhor, agus tha gach ni gu math. 
Mheas mi gu'm b' fheumail am beagan fhacaì 
so a labhairt mu'n uisge bheò luachmhor so ; 
's e sin do tliaobh buaidh oibreachaidh. 

Thig mi anns an ath àite gu bhi labhaìrt 
uime, a thaobh nan ainmean eile fo'm beil 
Eoin ga chuir a mach dhuinn 

Tha e 'g ràdh gu'm beil e, — (1.) fiorghlan, — 
(2.) soilleir — (3.) soiUeir mar chriostal, ^' Agus 
dh' fheuch e dhomh abhainn fhiorghlan do 
dh'isge na beatha soilleir mar chriostal.'' 

Anns d cheud àìie, Tha thu' leughadh gu'm 
hk il uisge so na beatha fìorghlan, 's e sin gu'n 
mheasgachadh sam bith ; mar so tba 'm facal 
sin fiorghlan a* ciallachadh ni a ta gun 
mrieasgachadh neo-ghlan san bith ; mar 'nuair a 
theirear fior-chreideamh ; 's e sin creideamh 
gun measgachadh sam bith do mhealladh ann, 
olafhiorghìan, a chruinn ola, (Exod. xxvii. 20 ; 
>:xv. 11 — 17. Deut. xxxiii. 14.) tùis fhiorghlan ; 



UISGE NA BF.ATHA. 69 

òr fhiorghlan, fuil fhiorgblan naui fion-dhearc', 
agus a leithid sin ; mar sin, 'nuar a ta e 'g 
radh ^' dh'f heuch e dhomh abhainn fiorghlan do 
dh' uisge na beatha," tha sin mar gun abradh 
e, dh' f heuch e dhomh abhainn do dh' uisge 
a bha uile gu lèir beò, bha uile gu lèir 'na 
bheatha ; aj^us anns nach robh ni san bith acli 
beatha. Cha robh bàs, no mharbhalachd, no 
ni san bith do leithid sin ann : oir tha e 'g 
ràdh rithist — agus cha bhi mallachd na bàs ann 
ni's mò. Is abhainn fhiorghlan i so. Cha-n eil 
aon fhacal maoidheadh r' a fhaotainn anns 
an abhainn so. Cha n-eil ni san bith ach 
cridhe fial, gaol, gràs, agus beatha. *' Oir a ta 
tiodhlacan agns gairmean Dè gun aithreach- 
as." Rom. xi 29. 

Anns an dara hàite. [Fiorghlan]. Tha 'm 
facal so air a cleachdadh an aghaidh sin a ta 
air eaochla dòigh [salach] ; mar, 'nuair a 
their e ** cha n eil na rionnagan glan 'na 
shealladh.'' (lobxxv. 5,) 's e sin, cha n-eil iad 
gun mheasgachadh dorchadais annta agus a 
rithist, ** na'm biodh tu glan agus ionrac." — 
(lob viii. 6,) 's e sin, na'm biodh tu mar a tha 
thu gabhail ort a bhi, no na'm biodh tu mar bu 
mhath leat sinne a chreidsinn a ta thu. 

A nise ma thuigeas tu 'm facal sin (fior- 
ghlan,) mar a ta e labhairt an aghaidh nan 
nithe sin, 'se 'n ni a ta e ciallachadh gu'm beil an 
gràs so gun smal gun mheailadh; tha 'choltas 
agus a bhrìgh an t-aon ni, oir eha-n eil ni gun 

G 



70 UISGE KA BEATHA. 

bhrìgh idir ann, 's e da rìreadh a.n ni a ta 'n 
sgriobtur ag ràdh, tha 'n s^riobtur ag ràdh, 
gur abhainn e, agus is abhainn da rìreadh 
e, tha 'n sgroibtur ag ràdh, gu'm beil e 
teachd a mach o Dhia, agus à rìgh-chath- 
air, agus da rìreadh, tha e teachd o dhearbh 
chridhe. 

'S e 'n t-eagal mòr a bhios orra-san a bhios air 
am buaireadh nach eil gràs gu leòir ann an Dia, 
agus nach eil e cho saor gu thabhairt sa's tha 'n 
sgriobtur a' cumail a mach. Ach tha 'm facal 
so fiorghlan, 'na f hreagairt iomlan an aghaidh 
a leithid sin a do theagamhan agus do luchd- 
teagamh ; a chum eagal na muinntir sin a 
sgrios, agus an anmannan a shaoradh. 

Cha-n eil cèilg, no mealleadh, no spleagh 
anns a' ghnothach — oir ged is toil le Dia 
a ghràs a leigeil ris dhuinn fo shamhla abh- 
na, cha-n ann a chum ar inntinn a' mheailadh 
leis a tha e deanamh sin ; ach a chum beagan 
soilleireachaidh a thoirt dhuinn air saoibhreas 
do-rannsaicht' a ghràis, a ta cho fhad' ann am 
meud thar gach abhainn anns an t-sao::hal, 
'sa tha a' bheinn as mò thar ubh an t-seang- 
ain ; no thar an smùirean ìs meinbhe anns 
an t-saoghal. 

Artns an ireas àile, Ach a rithist, tha 'm 
facal sin (fiorghlan) air a chleachdadh a chum a 
bhi feuchainn gu'm beil sin nach eil fiorghlan 
cronal agus sgrioseil. '* Tha mise glan o 
fhuil nan uile." (Gnìomh. xx, 26, Seum iii. 



UrSGE NA BEATHA. 71 

17. Mic. vi. 11.) 's e sin, cha d 'rinn e cron air 
neach sam bith. Tha 'n gliocas a ta o 'n 
àirde, an toiseach fiorghlan, agus mar sin cha-n 
eil e cronail. A meas thusa glan iad le meidh- 
ibh na h-eucorach ? Cionnas is urrainn sin a 
bhi, do bhrìgh gu'm beil iad cronail ? 

A nise gabh (fiorghlan) anns an t-seadh so, 
agus an sin tha e leigeil ris dut nach eil gràs 
Dhè, no teagasg nan gràs 'na ni cronail. 
Cha-Ti fhìon e a chuireas air mhisg (Eph. 
V. 8,) ged a bhiodh duine air a lionadh 
leis, cha dean e coire dha. Tha na nithe is 
fearr sa'n t-saoghal cronail air dòigh no dhòigh 
èigin, tha 'm fìon cronail, tha airgead agus òr, 
agus gach aon ni saoghalta cronal ma thèid am 
mi-gnàthachadh ; ach cha-n eil gràs cronail. 
(Gnà. XXV. 16, 17. XX. 1, 1 Tim. vi. 10.) 
Cha tàinig beud riamh an car duine air son a 
mheud sa shealbhaich e do lànachd gràis Dè. 
Cha ruig duine leas eagal a bhi air gu'n gabh 
e tuiUeadh sa chòir dheth. Cha toir gràs air 
duine fàs uaibhreach na macnusach, no àrdan- 
ach, cha toir e air duine a bhi neo-chùramach, 
no dearmadach mu'n dleasanas sin a ta mar 
fhiachan air a cho-lionadh do Dhia no do 
dhuine ; cha toiridir, ach 'sann a chumas gràs 
duine iriosal *na shùilibh fèin, macanta, fèin- 
aicheadheach, aithreachail, cairiseach, bheir e 
air a bhi pàirteach agus coimhneil do na 
bràithribh, seadh truacanta agus aoidheil ris na 
h-uile duine. 



72 UISGh: NA BEATHA. 

Is fior, tha mòran dhaoine ann san t-saoghal 
a ta deanamh mi-fheum do ghràs Dè, agus 
thasa 'g ràdh gu'ra beit cuid g'a "thionn- 
(ladh gu macnus." (lud. i. 4.) Ach cha-n 
ann do bhrìgh 's gu'm beil aomadh sam bith aig 
<::ràs gu leithid a dh'olc a tha sin a* tachairt, 
c ha-n ann, oir cha n-eil gràs ag oibreachadh air 
an dòigh sin, ach 's e is aobhar dha sin gu'm 
beil na daoine a ta deananamh a leithid 
as eughmhais gràis, agus gun d' rinn iad ris 
mar a rinn bàs agus ifrinn ri gliocas '* chuala 
iad le' n cluasaibh a' chliù." (lod xxviiì. 22.) 
Is cunnartach a ni do dhuine gnè bheachd a 
bhi aige do ghràs ma tha chridhe falamh do 
spiorad agus fhior-bheachd naomh' a' ghràis; 
oir cha deanadh an duine sin ni sam bith ach 
già^ Dhè a mhi ghnàthachadh. 

Mo thruaighe ciod a dh' fhaodar earbsa 
uaithe-san aig nach eil ni sam bith a theagaisgeas 
e cionnas a chleachdas e an t-eòlas a ta aige 
air gràs, ach an fheòil, agus a h-aiia-miannai), 
agus a h-ann-tograidhean an teagaisg iad sin e 
cionnais a chleachdas e eòìas gu ceart ? nach 
dàch' iad sin a cliuir troi' chèile, agus 
a chuir a chum gach aindiadhachd, agus 
truaighe, agns am peacadh àrach ? ciod a rinn 
ludas do Chriosd, ach a ni a dheanadh daoine 
gun ghràs ri ghràs ? eadhon a ghnàthachadh 
mar f heail sgàile, do 'n riìintibh feòlmhor, salach ; 
ngus 's e bu dàcha gu'm bràthadh iad araon aii 



IIISGE XA BE VTHA. 7*^ 

gràs agus aideachadh nan gràs d' a nàimhdibh 
is mo anns an t-saoghal. 

Agus ann an so faodaidh mi ràdh^ ged a thj» 
gràs tìor-ghlan, agus neo-lochdach air gacli se^ì, 
gidheadh, cha dean an duine sin a ta gun 
ghràs, feòlmhor, talamhaidh, agus peacach, 
do theagasg nan gràs, ach e-fèin a thoirt a 
steach do thruaighe neo-chrìochnach a thaobh 
neart an>-miannan air ara beil e tuisleadh. 
Faodaidh duine gun fhaicheall e-fèin a sgrios 
leis na nithe is fearr, cha-n ann do bhrìgh 's 
gu'm beil aomadh sam bith aig na nithe sin a 
chum a leithid sin ; ach a thaobh 's gu'm beil mi- 
bhuil air a dheanamhdhiù. Tha eòlas aig cuid 
air slighe na b^atha, (2 Ped. ii. 20 — '22.) agus 
air uisge na beatha, ach is eòlas lòm e, is eòlas 
o'n taobh a mach a mhain e ; agus b'fhearr 
dhaibh gun eòlas a bhi aca idir air, na'n dèigh 
dhaibh eòlas a bhi ac' air iad a thionndadh 
uaithe, b'fhearr dhaibh gun eòlas a bhi ac' air, 
na bhi deanamh an eòlais sin 'na sheirbhiseach 
do 'n ana-miannaibh. 

Tha cuid a' gabhail fràsan uisge Dhè, agus 
sileadh a chuid neòil, do bhrìgh 's gu'm beil iad 
do ghnà a' suidhe fo mheadhonnan nan gràs. 
Ach mo thruaighe ; tha iad ga ghabhail mar 
tha na clachan a' ghabhail nam frasan, iio mar 
a ta 'n t-òtrach a' gabhail uisge nan speur; 
tha iad an dara cuid a' fuireach 'nan clachaii 
cruaidhe mar a bha iad roimhe, air neo tha iad 



74 UISGE NA BEATUA. 

mar an t-òtrach, cha n-ìoc iad suas do nèamh 
air son a thròcair ach mar a ni 'n t-òtrach, tòchd 
do dhroch bhòladh. 'S e sin iadsan a dh' òlas 
an t-uisg' a ta teachd orra gu tric, agus an 
àite toraidh a thoirt a mach freagarrach do 'n 
treabhaiche, a ta toirt a mach droighean ngus 
drisean agus 's iad sin iadsan a ta ''fagus 
do mhallachadh da 'n deireadh a bhi air an 
losgadh." Eabh. vi. 7, 8. 

Anns d! cheathramh àite^ Leis an fhacal sin 
(fiorghlan,) tha sinn air uairibh a' tuigsinn a 
ni is ro f hearr, no an ni is fearr do na h uile 
ni. Tha iomadh ni a dh'f haodas a bhi air a 
ghairm math, ach cha-n eil ni san bith ciio 
math ri gràs, (Rom. xv. 20, Gen. i. 31.) Tha 
na h-uile ni fiorghlan 's e sin, tha gach ni 
annta fèin math agus feumail do 'n duine, ach 
cha-n eil ni sam bith cho mnth rì gràs. Tha 
ginealach ann a ta glan agus math 'nan sùilibh 
fèin. (Gnà. xxx. 12.) Tha daoine matli' 
ann, coguisean matha, oibrichean matha, 
lathaichean matha, ainghlean matha, agus a 
leirhibh sin ; ach cha-n eil ni sam bith cho 
math ri gràs, oir 's e gràs a dh' f hàg iad sin gu 
math. Air an aobhar sin tha grcàs : tha 'n 
t-uisge beò so gu math. seadh buileach math, 
math anns an tomhas is àirde ; oir is e a ta 
deanamh nan uile ni math, agus ga 'n cumail 
math. Is cò air bith neach nach bi air a' 
ghlanadh le uisge so na beatha, is olc e, agus 



UISGE NA BEATHA. 75 

tha e air a thoirt do mhallachadh. Mar a ta 
'm fàidh ag radh ann an so. — '* Ach an làthach 
agus àiteachan fliacha cha bhi air an leighis, 
bheirear iad thairis ga Salann." E^ec. xlvii. 1 1, 

Ach cò a ta tuigsinn so, na cò a ta ga 
cLi eidsinn ? Tha mhathas air a chumail 
faìaichte o eunlaith an adhair. Tha daoine, 
seadh a' chuid is mò do dhaoine aineolach air, 
ni mò tha cùram orra, cò dhiìi a gheibh iad 
seiibh air uisge fiorghlan so na beatha no 
nach faigh. Ach *se 's aobhar da sin, ged a 
tha gràs math, seadh math anns an tomhas is 
àirde, agus ged is e a ta deanamh gach ni eile 
math : gidheadh, cha-n eii e 'na leithid do 
mhath 's a freagradh an càil f heòlmhor-san. 

Tha math ann, agus tha math freagarrach 
ann ; a nise tha math freagarrach do dha sheòrsa; 
an dara cuid spioradail no feòlmhor. Agus 
tha sin a ta spioradail air iarraidh a mhain 
leosan a ta spioradail ; ach riaraichidh am 
math aim.sireil an inntinn fheòlmhor. A nise, 
is math spioradail gràs ; an abhainn sin do 
ghràs is math spioradai i. Is i ceud bheatha 
n;m uile ghràs 'n ar n-anmannan ; a^us 
cha-n eil iongantas ged a bhiodh i air a our 
suarach leo san a ta do dh'inntinn f heòlmhor ; ni 
am feur lòn do 'n each, agus bithidh a' Uihuc 
toilichte leis an làthaich ; mar sin 's e nithe na 
beatha so is fearr a thaitneas ri daoine an 
t-saoghail, oir tha 'n càil salach agus feòlmhor, 
agus cha-n fhaigheadh iad blas air nithibh 



76 UrSGE NA BEATHA. 

Spioraid Dhè. '^ Oir ciia gFiJibli an duiue nadurra 
ri nitliibh Spioraid Dhè :" (na nithe a bhuineas 
do dh' abhainn so Dhè,) oir is amaideachd leis 
iad ; agus eha-n eil e 'n comas da eòlas a 
ghabhail orra, do bhrìgh 's gur ann air mhodh 
spioradail a thuigear iad. (1 Cor. ii. 14.) 'S 
abhainn ola tha 'n so, 's i niu'm beil am fàidh 
a' labhairt, 's e sin abhainn an Spiorad. Na 'm 
b'e abhainn òir no airgeid a bhiodh ann, 's 
iomadh neach a bhiodh ri iasgach iongantach 
m'a bruachaibh. Ach isabhainn i a *' ta a' ruith 
mar ola, deir an Tighearna Dia." Esec. xxxii. 
14. 

Tha charraig so a' taomadh a mach abh- 
naichean do dh'ola, do dh'ol' ùir, do dh'ola 
thais' do dh'ola mhilis, do dli'ol' an aoibhnis, 
do dh'ol' an t-subhachais, do dh'ola chum an 
ceann ùngadh leatha, ola bheir air an aghaidh 
deàlradh, agus ni thu comasach air urram a 
thoirt do Dhia agus do dhuine ann an cuid- 
eigin do dheagh thomhas mar is chubhaidh dhut 
sin a dheanamh. — lob. xxix. 6, Sàlm. xciii. 
10. Iv. 21. xlv. 7. Ecles. ix. 8. Sàlm. civ. 
15. Breith. ix. II. 

Dh' f haodainn leudachadh air a' cheann so, 
agus mòran do nithe fheuchainn anns am beil 
am facal sin (fiorghlan) 'na fhacal a ta ro 
fhreagarrach chum a bhi feuchainn dhuinn 
oirdhearcas uisge so na beatha, ach thèid mi 
air m' aghaidh gu bhi labhairt air an dara 
buaidh a ta air an uisge so, se sin (soilleir.) 



UISGE NA BFATFìA. 77 

Anns an dara h-àite. Mar a' ta *n abhainn 
so do dh'uisge na beatha air a gairm, fiorghlan 
tha i maran ceudna air a gairm a bhi soill- 
eir — " Dh' f heuch e dhomh abhainn do 
dh*uisge na beatha, soilleir,'' &c. Tha ciall- 
achadh àraidh,aigan f hacal so, agusuimesin, bu 
chòir dhuinn an aire thoirt da. 

J. Soilleir. se sin ni nach eil dòrcha, uime sin 
theirear gu'm beil cuid soilleir mar a' ghrian. 
Agus a rithist, " cha bhi solus soilleir agus 
dorchadas ann." (Dàn. v. JO. Sec. xiv. 10.) — 
anns gach àite dhiù sin, tha 'm facaì sin, 
soiìleir, gu bhi air a ghabhail air son soluis. 
solus latha, solus grèine; oir gu dearbh cha n-eil 
latha 'na latha, no 'na sholus grèine maille ris 
an anam, gus am bi sruthannan àl)hna so na 
beatha a' teachd le deàlradh a steach chum 
ar dorsan, a chum ar taighean, agus a chum ar 
cridheachan. 'S ann uaithe sin a ta ctìud thois- 
each an iompachaidh air a ghairm soilseachadh; 
seadh, tha dearbh theachd na h-àbhna so do 
dh'uisge na beatha do 'r n-ionnsaidh air a 
ghairm, teachd an latha o na hàirdibh, tre 
chaomh thròcair ar Dè, (Eabh. x. 32.) Tha e 
mar an ceudna air a ghairm briseadh na fàire. 
(Lucas i. 7? 8.) Agus uime sin a rithist, 
theirear gu'm beil iadsan a chum nach eil an 
abhainn so do dh'uisge na beatha a' ruth d'aii 
ionnsaidh dorcha, seadh, 'nan dorchadas. 
" Sibhse a bha aon unir 'n-ar dorchadas, ach a 



78 UISGE NA BEATHA. 

nise, tha sibh an solus anns an Tighearna." — 
Eph. V. 8, 2 Peadar i. 9. 

Air an aobhar sin tha 'n t-uisge so coltach ri 
mil lonathain, tha buaidh ann a chum na 
sùilean fhosgìadh, agus a thoirt orra-san a ta 
'nan suidhe ann an dòrchadas solus mòr 
fhaicinn, (1 Sam. xiv. 27- Mata iv. 16.) Seadh, 
solus coltas glòire Dhè ann an gnùis losa Criosd. 
'•' Oir is e Dia thubhairt ris an t solus soill- 
seachadh a dòrchadas, a dhealraich ann ar 
cridheachaibh-ne, a thoirt solus (tha 'n spiorad 
a' soilseachadh, agus a* toirt soluis) eòlais 
glòire Dè ann an gnùis losa Criosd." (2 Cor. 
iv. 6.) 

Tha *n abhainn so a tilgeadh gathan mar a' 
ghrian ; tha i a' soilseachadh, agus a' cur a 
mach gathan glòrmhor do 'n ionnsaidh-san a 
dh'òlas d'i. 'S e sruthannan do'n ghràs so a rug 
air Saul 'nuair a bha e dol gu Damascus 's iad 
uisgeachan na tuile so a dh'iath mu thimchioll 
mar sholus. (Gniomh. ix. 3. xxvi. ]3.) Agus tha 
e 'g radh gun robh an solus so bho nèamh 'na 
sholus mòr, 'na sholus ni bu shoilleire na solus 
na grèine, agus 'na sholus a dh' f hàg le 
ghlòir dòrcha dhasan na h-uile ni anns an 
t-saoghal. 

2. [^Soilleir,] se sin, ni a ta taitneach, oir 
(ha ni soilleir air a chuir càlg-dhìreach an 
aghaidh gach ni nach eil taitneach, oir a bhi 
soilleir se sin a bhi taitneach. Uime sin, thae 'na 



UISGE NA BKATHa 7^^ 

ni taìtneacli do na sùiiibh a* ghrian fhaicinn. 
— (Ecles. 7.) Letigh mi mu abhnaichean a 
bha 'g amharc dearg mar fhuil, agus deth an 
robh bòladh mar f huil dhuine marbha, (2 Rìgh. 
iii. 22. 23-); ach cha-n e leithid sin do 
dh'abhainn a ta 'n so. Leugh mi mu abh- 
naichean aig an robh an sruthannan irar 
shruthaibh pronnaisg'nan sruthannan loisgeach, 
seadh, mar bhith 'na teine. (Isa. xxx. 35.) ach 
cha-n e leithid sin do shruthanan a th' aig an 
abhainn so. Tha abhainn ann a thuileadh 
orra so, soilleir agus taitneach, agus 's e a sruth- 
annan a ta deanamh cathair Dhè subhach.' 
Dan. vi. 1 L Isa. xxxiv. 9. Sàlm. xlvi. 4. 

Tha uisgeachan ann agus is miann leis na 
calamanan fuireach r'an taobh, do bhrìgh le ro 
shoiUeireachd an srutha gu'm faic ìad a niaise 
fèin annta mar ann an sgàthan. Dàn. v. 12. 

'S iad sin na sruthannan anns am beil na 
calamanan a' nighe an sùilean, agus anns an 
miann leo a bhi g'an amharc fèin le tlachd. 
Tha na sruthannan sin, mar thubhairt mi mar 
sgàthan ; tha 'n soilleireachd a' toirt cothrom 
dhuiunn air ar gnùis fèin fhaicinn. 

Mar an uisge soilleir a dh' fhaodas duine, 
a' ghrian, 'sa ghealach, agus na reulltan, agus 
na speuran fliaicinn, mar sin, ma sheasas 
duine air bruaich na h-àbhna so, agus ma 
nigheas e a shùilean le h-uisge faodaidh e Mac 
Dhè fhaicinn, reulltan Dè, glòir Dè, agus 



80 UISGE NA BVTIIA. 

an t-ionad còmhnaidh a dh' ulìaich Dia d'a 
phobull. Agus nach taitneach na seallaidhean 
iad sin ? nach oirdhearc an t-uisge leis am 
faicear sin ? agus nach taitneach na sruthannan 
a th' aig an abhainn so ^ 

3. [^Soilleir,] 's e sin uisge nach eil salach 
aj^us anns nach eil ruaim, ìeugh mi mu chuid do 
dh'uisgeachan a ta air an salachadh le casaibh 
bheathaichean, agus le casaibh dhaoine, agus 
iad sin 'nan uisgeachan domhain cuideachd. 
Seadh, a deir Dia ri cuid, dh*òì sibh do na 
h-uisgeachan domhain," agus shalaich sibh 'd 
chuid eile le bhur casan ; agus a rithist — do 
thaobh mo threud-sa dh*ith iad a ni sin a shaltair 
sibhse fo 'r casan, agus dh' òl iad a ni siu 
a shalaich sibh le bhur casan. — (Esec. xxxiv. 
18, 19.) 'S e th' air a ghabhail a staigh leis na 
h-uisgeachan sin, teagasgan a th' air an dorch- 
nachadh 's air an salachadh, le briathran fiara,le 
beachdan truaillidh, agus le breithneachadh 
mearachdach ; do'n tugadh air na caoirich 
bhochd' òl. Agus gu deiuihin tha so dearbhte 
gu leòir le dearbh dhath 'nan anmannan 
truagba sin ; oir ged a tha fìrinn Dè annta, 
tha dearbh lòrg na faoin-sgeulachd agusan aid- 
eachaidh mheallta r'a fhaicinn air an lannaibh. 
Oir mar a bhios atharrachadh dath' air an iasg 
a thig o'n f hàìrge le e bhi fada anns an abhainn, 
mar sin, ma ta, ciod air bith seòrsa teagaisg a 
bhios luchd-aidichidh a' cluinntinn, bithidh 
rud-eigin coltais aca ris an teagasg sin Ma 



UISGE NA BEATHA. 81 

tha 'n teagasg a ta iad a' cluinntìnn ruaimleach 
tha 'm beachdan-sa ruaimleach ; ma tha 'n teag- 
asg fuìlteach, mar sin tha 'm beachd, agus an 
nàdur-san fuilteach ; ach ma tha 'n teagasg 
soiUeir, tha 'm beachdan-sa mar sin, do bhrìgh 
's gu'n tug an teagasg a ta iad a' cluinntinn 
beachd shoilleir dhaibh air nithibh. 

A nise, tha abhainn do dh' uisge na beatha, 
againn ann an so, a ta soiUeir, seadh, soilleir 
gun salachar no ruaim sam bith innte. Soilleir 
a dh' easbhuidh ni sam bith do dh' innleachdan 
dhaoine, no do bheachdan ruaimleacb no 
breithneachadh mhi-naomha, neo-fhoghluimte ; 
seadh, tha againn ann an so abhainn aig am 
beil a sruthan fosgailte do na h-uile a th' anns 
an eaglais, mar sin iadsan aig am beil feum 
air, cha chòir dhaibh na h-amraichean salach a 
bheir air an uisge gròdadh no fàs breun, a 
ghabhail a chum a' ghiùlan do 'n ionnsaidh. 

4. Leis an f hacal sin |2fiorghIan,~| tha sinn 
air uairibh a' tuigsinn, glanadh ; no ni a rinn 
e-fèin a ghlanadh, o na h-uile salachar, no 
sgainneal, no olc, a bha muinntir a' cur as a leth : 
" An sin bithidh tu glan, no saor o d' mhionn- 
aibh so, no cionnas a ghlanas sinn sinn-fèin?" 
Gen. xxiv. 8. xiv. 16. 

Faodaidh ni-èigin do aneithid so a bhi air a 
ghabhail a staigh ann an briathraibh ar bonn- 
teagaisg, mar eil eagal air daoine, amaideachd 
a chuir às leth Dhè, ni a ta na briathraibh sin 
a' cuir an cèiH, gu'm biodh tu glain ^nuair a 

H 



82 CltjGE NA BKATHA. 

bheir thu breth." (Salni. li. 4.) an saol thu am 
bi eagal orr' olc a chuir a leth facal a ghràis^ 
agus a spioraìd ? ni h-eadh, gu deimhinn, ach 
tha iad ladorna gu leòir anns an obar so. Ni 
h-e mhain sin, ach o leigeadh bunait an 
t-SHOghail, tha daoine a' cur sgainneil agus 
truailleachd as leth ^ràs beannaichte an 
t-soigeil. Ach gun a bhi dol cho fad' sin air 
ais, b' e Pòl aon do na pìoban tre 'n robh Dia 
a' giùlan a' ghràis so chum an t-saogliail ; 
agus cionnas a bha e air a mheas air son sin, 
bha, " gun robh e *na phlàigh, agus 'na f hear- 
dìisgaidh ceannairc feadh an t-saoghail gu 
lèir." Gniomh. xxiv. 56. 

Ach feuch cha lean dad san bith dheth 
a' sin ri gràs Dè, cha lean e fada ris., oir tha e 
mar a mhil, a ghìanas i-fèin o gach salachair a 
chuirear innte, glanaidh se e-fèin o na h-uile 
sgainneal a chuireas daoine droch mhuinnte as 
a leith. Tha sruthaibh agus abhuaichean do 
nàdur fèin-<yhlanaidh ; nise, tha againn an so 
abhainn, abhainn do dh' uisge na beatha ; ach 
abhainn a fhuair ni 's mo do chùl-chàineadh 
n'a fhuair abhnaicliean Israeil o Naman an 
Siranach, le a bhi samhlachadh Abana agus 
Parphar, abhnaichean Dhamascus riu. (2 Rìgh. 
V. 11. 12.) Ach feuch an dèigh do'n t-saoghal 
na b'urrainn iad a dheanadh, agus gach beum 
agus masiadh a b'urrainn iad a thilgeadh oirre 
feuch is abhainn i tha fiorghlan agus soilleir, 
agus bithidh i mar sin. Ghlan si i-fèin am 



UrsGE NA BEATHA. 83 

fianais rìghreaD, ghlan si i-fèin am fianais 
uachdarannan agus bhreitheamhnan, agus am 
tianais na h-uile Naman anns an t-saoghal. 
Agus is abhainn i fathast, seadh abhainn 
fiorghlan do dh'uisge na beathaj soilleir. 

5. Leis an t'hacal sin, [soilleir,] tha sinn air 
uairibh a' tuigsinn, neo-chiontas, noglaineagus 
math, air a dheanamh aithnichte. " Anns gach 
ni dhearbh sibh sibh fèin a bhì glan 'sa' chùis 
so," (2 Cor. vii. 11.) 'S e sin ghlan sibh sibli- 
fèin gu folaiseach, sheas sibh air gu dainghean 
a chum bhur fìreanachadh fèin, agus bha sibh 
toileach a bhi air bhur rannsachadh gu bhur 
ciil leo-san leis am baill an obar a ghabhail o's 
làimh. Mar sin tha 'n abhainn so do dh'uisge 
na beatha 'na tobar agus 'n a sruthaibh, ga'n 
tairgse fèin a chum beachd-smuinteachadh cog- 
aisean nan uile dhaoine. Agus a chum na 
crìche sin, cia niinig a chuir Dia, tobar na 
h-abhna so, agus es-an a ta air an rìghchathair 
o'm beil i sruthadh a mach ; cia minig a ghairm 
e air daoine coinneamh a chumail ris, na'm 
b' urrainn iad olc a chuir às a leth ma bha 
sin aca ri dheanamh, aon chuid le làthaireachd 
no le teagasg. Uime sin tha e 'g radh '*cuir 
am chuimhne tagramaid ri chèile, cuir an cèill 
do chùis, dh[fheuchainn an glan thu thu-fèin, 
(Isai. xliii. 26.) '' agus dhìt mise." Agus a 
rithist, "ciod an euceart a fhuair 'ur n-aith- 
richean annam-sa, gun d'imich iad fada uam, 
agus gun do ghluais iad an deigh diomhanais, 



84 UISGE NA BEATHA. 

agus ^un d' f hàs iad diomhan ?' (ler. ii. 5.) 
Air an dòigh chendna thuirt Criosd, cò agaibhse 
d chuireas peacadh às mo leith-sa ? agus ma 
labhair mi gu h-olc, thugaibh fianais air an 
olc' — (Eoin viii. 46, xviii. 23.) Air a mhodh 
cheudna deir Pòl. — " Ach chuir sinne cùl 
ri nithe falaichte na nàire, gun sinn a bhi 
siubhal ann an cèilg, no sl truailleadh facail Dè, 
ach le foillseachadh na fìrinn, 'g ar moladh 
fèin do choguis nan uile dhaoine, ann an 
sealladh Dhè. (2 Cor. iv. 2.) Tha na briath- 
raibh so uile gu h-àraidh gu bhi air an co-chur 
ris an teagasg, agus tha iad mar gu'm b'eadh 
mar thairgse do neach sam bith, mas urrainn 
iad bali, no smàl, no preasadh, no ni sam bith 
do a leithid sin fhaotainn anns an abhainn so 
do dh' uisge na beatlia. 

Tha cuid do dhaoine a' teicheadh uaithe mar o 
tiiorc fiadhaich ; agus tha cuid eile fo eagal òl 
deth air eagal 's gu'm puinnseanaich e iad. Tha 
cuid eile a rithist, nach faod a ghabhail, do 
bhrìgh 's nach eil e air a mheasgachadh, na 
h anmannan bochda, no mar a their iadsan air a 
dheanamh bìasda agus taitneach dhaibh le 
beagan do ghliocas an t-saoghail so. Mar so 
tha aon ga thrèigsinn air an aobhar so, agus 
aon air an aobhar ud, agus aon eile 'g radh 
beir uainn e. Ach ge be neach asheallas anns 
an abhainn so, chì e gu'm beil i neo-chronail 
agus soilleir. Seadh, ga tairgse fèin do 
choguis naa uile dhaoine a chum deuchainn a 



UISGE NA BEATHA. 8Ò 

ohiiir oirre, mar eil i, agus mar i a mhain am 
priomh mhath, agus an t-aon ni feumail, agus 
an t-aon ni a ta tarbhach a chum slàinte an 
anma, a mach às gach ni eile a th' anns an 
t-saoghal, agus tha i cho soiUeir o mhealladh 
'sa ta a' ghrian o bhuill dhubha. 

Anns an treas àite, Mar a chunnaic Eoin an 
abhainn so fiorghlan agus soilleir, chunnaic 
e i cho soilleir, 's gun tug e ^samhla dh'i, seadh 
an samhla is soilleire a th' anns an t-saoghal, 
shamhlaich e i ri criostal. Is clach ro shoilleir 
an criostal, tha e cho soilleir ris a' ghlaine is 
soilìeire, mar eil ni's soilleire ; faodaidh neach 
faicir)n fad' a staigh ann, seadh troimhe, tha e a 
dh' easbhuidh nan l^aU dubhaagus nan sgrìoban, 
's nan smàì a ta ann an cuid do ghlainneachan 
eile. Uime sin, 'nuair a ta e 'g radh gun 
robh an abhainn so cho soiUeir ri criostal, tha 
sm mar gun abradh Dia, amhaircibh a' pheac- 
achaibh, amhaircibh a chum ghrunn mo 
shruthannan criostail so. 

Chuala mi mu chuaintean a bha cho fior- 
ghlan agus cho soilleir, 's gu 'm faodadh duine 
f'aicinn trompa gu grunnd ged a bhiodh e da 
fhichead troidh air dhoimhne. Tha thios 
agam gu'm beil an abhainti so do dh* uisge 
na beatha 'na h-abhainn a ta domhain : ach 
ged a di^ibhradh gu'm beil i domhain, cha 
tuirt sin nach faod sinn an giunnd fhaicinn. 
Gu dearbh a ihaobh a leud chaidh a radh nach 
urrain neach dol thairis oirre : ach tha mi 'g 



86 UISGE NA BEATHA. 

radli, nach eil e air ainmeachadh an àite sam 
bith nach faod sinn an grunnd f haicinn : ni 
h-eadh, ach tha 'n sarahla a' ciallachadh, gu m 
faod duine aig am bi deagh shùilean a' faicinn gu 
grunnd. Tha i soiUeir, cho soilleir ri criostal. 
Uime sin, seallamaid car tacain beag gus a 
grunnd, a chum 's gum faic sinn tre na sruth- 
aibh criostal sin, ciod a ta aig iochdar nan 
uile. 

Annsa cheud àite, Ma ta, 's e grunnd nan uile 
— gum biodh sinne air ar sàbhaladh. " Tha mi 'g 
radh ribh, na nithe sin a chum 's gum biodh sibh 
air bhur tearnadh" agus a rithìst, *' thàinig mise 
a chum 's gu'm biodh beatha ac', agus gu'm biodh 
i aca ni's phailte." — (Eoin v. 34. x. 10.) 'S e so 
ma ta grunnd na h-abhna mòire so do dh' uisge 
na beatha, agus 's e so is grunnd d'i gu'm beil 
i teachd a mach à rìgh chathair Dhè agus 
an Uain ; 's e gu'ra bidh sinne air ar tearnadh : 
agus gu'm bidh beath' againn. 

Ciod an grunnd math a ta *n so! Cha 
mhòr do dh' abhnaichean domhainn aig am 
beil grunnd math, tha ruaim ann an grunnd a* 
chuid is mo do dh' uisgeachan an t-saoghail, 
tha, eadhon ann an grunnd na mara fèin, oir 
'nuair a dh' oibricheas i tilgidh i suas làthach 
agus salchar, agus mar sin ni cridheachan 
plìeacach : ach 's e grunnd a' ghràis so aig Dia, 
agus an spiorad, agus f hacal, gu'm biodh sinne 
air ar tearnadh ; agus gu cinnteach is math an 
grunnd sin. 



UISGE NA BEATHA. 87 

Aììns an dara h àite^ Mar is e grunnd na 
h-abhna so, gu'm biodh sinne air ar tearnadh, 
s e gu'm biodh sinne air ar tearnadh le gràs, 
agus tha sin ga fhàgail ni's fallain' 's ni's fal- 
aine. Dh' fnaodadh ar slàinte a bhì air a 
shuidheachadh air bonn n'a bu deacaire na e so, 
dh' fhaodadh i bhi air a suidheachadh air ar 
gniomharran, dh* fhaodadh Dia a suidheach- 
adh air a sin, agus a bhi ceart, no dh' f haod- 
adh e ar fàgail chum 's gu'n suidheachamaid i 
far bu mhiann leinn fèin, agus 's cinnteach gur 
ann air ar gniomharran a shuidhicheamaid i ; 
agus cha deanadh sin ach grunnd bog làibeach 
chum argiulan gu beatha. Achanise^thagrunnd 
ni's fearr na sin aig an abhainn sodo dh' uisge na 
beatha ; (tha uisge na beatha soilleir mar 
chriostal, seall sios chum a grunn' agus faic) 
Tha sinn air ar fìreanachadh gu saor le 

ghràs. Le gràs a tha sibh air ar tearnadh 

Hom. iii. 24. Eph. ii. 5. be sin an grunnd. 

A nise, tha gràs, mar a thuirt mi, 'na ghrunnd 
daingean gu seasamh air, is ann o ghràs, a 
ehum 's gum biodh e cinnteach. 'S cinnteach 
nach i so an abhainn anns an robh Daibhidh, a 
'nuair a thuirt e. ** Tha mi dol fodha ann 
an làthaich dhomhain gun àite gu seasamh, tha 
mi teachd gu doimhneachdaibh nan uisgeachan 
agus tha'n sruth a dol tharam," saor nii o'n 
làthaich agus na leig dhomh dol fodhia. (Rom, 
iv. 16. Saim. ixix. 1. 2.) Tha mi 'g radh, ftach i 
so an abhainn annsan robh e : cha-n i gu cinnt- 



88 IJISGE NA BKATHA. 

each. Ach 'saiin a bha Dljaibhidh 's an àin so air 
seacharan agus a mach às an t shlighe agus 
air tuiteam ànn an sloc èigin, no ann an to!l 
làbanach salach èigin : ach tha grnnnd matii 
anns an abhainn so : grnnnd slainte tre ghràs, 
agus cha ruig duine a leas èigheach 'nuair a 
bhios e 'n so. gu'm beil e dol fudha, no gum 
beil e ann an cunnart a bhi b'àite anns an 
làthaich. 

Anns an treasàìte^ 'S e grunnd nan uile, m;\r 
a thubhairt mi gu'm biodh sinn air ar tearnadli 
le gràs, agus their mi, *' tre 'n t-saorsa ta anu 
an losa Criosd." Gu'm beil i dol ni's fearr 's 
ni's fearr, Tha sinn a' leughadh, 'nuair e bha 
clann Israel a teachd thar lordan, gun do 
sheas casan nan sagart a ghiiìlan an àirc air 
talamh tioram gu daingean, agus chuir iadsan 
suas elachan mora mar chuimhneachan air an 
ni sin. — (losua. iii. 17> iv. 5.) Ach fjm beil 
aig lordan grunnd cho math 'sa th' aig an 
abhainn bheannaichte so do dh' uisge na 
beatha, no 'n robh na clachan a thug iadsan às 
a' sin, coltach ris a' chloich-dhearbhaidh so, ris 
a bhonn chinnteach so. (Isai xxviii. 16.) O an 
rìgh-chathair ! tha 'n abhainn so a' teachd a 
mach o'n rìgh-chathair, agus tha sinne air ar 
tearnadh le gràs tre 'n t-saorsa a ta annsan. 
(Eabh. ix. 10.) Tha sinn a' leughadh mu bhaile 
aig an beil bunaitean, 's e gràs aon bhunait 
Criosd a' bhunait eile, agus fìrinn nan uile 
fhàidhean agus nan Abstol, agus am fìor 



UISGE NA BEATHA. 89 

theagasg a* bhunait eile, &c. Agus a rithist 's 
iad sin uile dearbh ghrunnd na deagh abhna 
so do dh* uisge na beatha — Ephes. ii. 19, 
20. 

Anns CL cheathramh àite, Tha ni eile ri 
fhaicinn aig grunnd na h-abhna naomha so, 
agus *s e sin, glòir Dhè : tha sinn air ar sàbh- 
aladh, air ar sàbhaladh le gràs, air ar sàbhaladh 
le gràs tre 'n t-saorsa a ta ann an losa Criosd, a 
chum cliùglòire Dhè. Agus ciod am bonn math 
a ta 'n so. Cha-n fàilinn gràs, agus, tha 
Chriosd air a làn-dearbhadh cheana, agus cha 
chaill Dia a' ghlòir air an aobhar sin, iadsan a 
dh'òlas do *n abhainn so, bithidh iad gun teag- 
amh air an tearnadh ; 's e sin ri ràdh, iad-san a 
dh-òlas d'i le càil no ìotadh spioradail : agus an 
urrad so chum mìneachadh sl chinn-teagaisg. 



A BHUIL. 

Tha mi nis air tighinn gu hhi deanamh buil 
ddn iomlan. 

Tha f hios agad gu'n robh ar labhairt aig an 
àm so mu thimchioll '' uisge na beatha, ma 
phailteas, mu'n tobar o'm beil e 'g èrridh, agus a 
bhuaidhean,*' agus dh'f heuch mi dhut gun robh 
a nàdur oirdhearc, a phailteas mòr, a bhun 
o'm beil e 'g èiridh glòrmhor, agus a bhuaidh 
sònraichte mhath. 

Anns a' cheud àite, Biodh so ann sa 



90 UISGE NA BEATHA. 

cheud àite, 'ria bhrosnachadh dhuinne gu bhi 
deanamh feutn gu'n chaomhna sam bith do 'n 
uisge 80. Tha mòran anns na laithibh so 
a' tarruinn uisgeachan a chum an òl air son 
slainte a* chuirp ; agus gu thoirt orrasan a ta 
tinn a cheannach, molaidh iad e thar a luach. 
Molaidh iad, agus ma thàrlas da bhi feum- 
ail do dh' aon ann an ceud, 's àill leo chur mar 
fhiachaibh air daoine gu'n leighis e na h-uile 
nèach. Seadh mata, tha agad ann an so an Lèigh 
mòr e-fèin. leis an uisge iocshlaint aige, agus 
tha e ga ghairm " uisge na beatha," uisge na 
beatha do'n anam ; agus 's e so an t-uisge a 
ta da rireadh malh. Bha e air a dhearbh- 
adh uairean gun àireamh : agus cha d' fhàilinn 
e riamh, ach far nach robh e air a ghabhail. 
Cha-n eil aon ghalar nach leighis e, leighisidh 
e doille, niarbhanachd, buidhre balbhachd, 
'' bheir e air bilibh na muinntir a bhios 'nan 
cadal labhairt," (Gniomh. xxvi. 18, Isa. v. 4. 
5. Dan. vii 9.) 'S e so am fior-uisge coisrichte, 
(tha ^ach uisge eile meallta) ni 'n t-uisge so 
deamhnan agus spioradan neo-ghian fhuadach 
air falbh, leighisidh e draoidheachd agus geasan, 
leighisidh e am fear-caothaich agus am fear- 
aotromais ; seadh, leighisibh an trom-tàisean is 
measa ; sgaoilidh e teagamhan agus an-earbsa, 
ged a bhiodh iad air fàs cho cruaidh ri cloich 
arms a' chridhe, (Gal. iii. 1, 2, 3, Mark xvi. 17, 
JH. Esec. xxxvi. 26, Col .ix- 6, Esec. xxxvi. 25.) 
Bheir e oirbh labhairt gu math, ni e anam 



UISGE NA BEATHA. 91 

creal, agus 's e sin is fearr na croiceann geai 
Bheir e blàs math dhuibh, agus bheir e oirbh 
droch bhlas f haotainn air gach biadh cronail ; 
ginidh e càil nuadh annaibh dha sin a ta niath ; 
(Isa. XXX. 22.) gluasaidh e gach ana-galar o'n 
ghoile agus o na h àinean ; bheir e oirbh gu'n 
gabh sibh do dh' aran Dè, àirichidh e fuil ghlan 
annaibh. Ann an aon fhacal, cumaidh e suas 
beatha ; iadsan a ghabhas do *n uisge so, 
bithidh iad beò ni's faide na bhaseanna Methu- 
saleim agus bha es-an beò greis mhath. Gen. v. 
27. 

Uime sin, ceadaich dhomh buanachadh ann 
am earal ort, a bhi cleadhadh an uisge so gun 
chaomhna. Is e an t-uisge is fallaine a th' 
anns an t-saoghal ; faodaidh tu ghabhail aig an 
treas, aig an t-seathamh, aig an naothamh, no 
aig an aon uair deug, (Mata xx. 3 — 6.) ach 
's e blasad air ann am madainn na h-òige is fearr, 
(Gnà. i. 1. 4.) oir aig an àm sin cha n-eil 
do thrioblaid cho fada air a h-adhart, no cho 
cruaidh ri leighis ; no air a' chuid is lugha 
biihidh i air a leighis ni's soirbhe ; athuilleadh 
air sin, iadsan a ni so, gheibh iad beatha gun 
chrìoch, agus comhfhurt tràthail ; agus tha 
fhios agad gur beatha dha-f hìllt i sin do neach. 

Ni 'n t uisge so còm-sgùradh gu fòiU, 
agus gidheadh ni e sin ni's ro èifeachdach na 
uisgeachan eiie. Ach is fior, far am beil fior 
droch gaiairean, air teannachadh agus air fàs 
doirbh, gu'm feuch 's e e-fèin ni's treise aun a 



92 UISGE NA BEATHA. 

oibreachadh orra, oir cha-n arrainn galar sam 
bith a bhi dhasan doirbh ri leighis. Ni e, mar 
a their sinn, '^ an taigh a thilgeil a mach air na 
h-uinneagan" ach glanaidh e uaiue a' phlàigh a 
ta graineil goirt, a bheireadh oirnn cadal gu bàs 
agus a bheireadh sinn mailleris a* mhòr-shluadb 
sios do dh* ifrinn. Ach cha dean e cron dhuinn, 
cha dean e ach ar cadal cunnartach a dhùsgadh 
ann an tearuinnteacbd, agus ar toirt gu beò- 
mhothachadh air plàigh ar cridhe agusar feòla. 
Ni e mar a thuirt mi, ar càil a bhrosnachadh, 
agus fadachd a chuir oirnn air son a ni sin a ta 
fallain. (Ma dh' f heòraicheas neach sam bith 
c'arson a tha mi a' labhairt raar so air samh- 
lachan freagraidh mi a thaobh gu'm beil mo 
cfieann-teagaisg ga ma threòrachadh a chum 
sin a dheanamh.) 

Anns an dara h-àite^ Chomhairlichinn dut, 
uime sin, anns an ath àite, thu a dh' fhaotainn 
ionad còmhnaidh ri taobh nan uisgeachan sin — 
" Gabhaidh aon-ghràidh an Tighearna còmh- 
naidh ann an tearuinnteachd maille ris, agus 
còmhdaichidh an Tighearnaer e rè an latha, ma 
dh'fheòraicheas tu cait am bheil an t-ionad 
còmhnaidh sin ? Freagram gur ann ann am 
baile Dhè, agus a measg phàilliunan an Tì is 
àirde. Tha 'n abhainn so a' teachd a mach 
o 'n rìgh-chàthair, a chum cathair na baile 
Dhè uisgeachadh ; agus a chum na crìche sin, 
a dùbhradh gu'm beil i ruith ann a meadhon 
ràide a' bhaile. (Tais. xxii. 2.) Ma dh* 



UISGE NA BEATHA. 93 

fheòraicheas tu an còrr uime, thig agus faic so 
— Gheibh sliochd a shèirbheisich e mar oigh- 
reachd, '' agus gabhaidh iadsan a ghràdhaicheas 
ainm còmhnaidh ann.'' (Salm. Ixix. 36.) 
Faigh thusa ionad-còmhnaidh annan lerusaleim, 
ann an meadhon lerusaleim, agus an sin bithidh 
tu air do shuidheachadh ri taobh na h-abhna so. 
Anns an treas àìte. 'S e 'n treas ni a their 
mi riut, beannaich Dia a chionn gu'n d'ullaich 
e a leithid so do dh' uisge air son an duine. 
'S iad sin a mhain a bheir oirnn a bhi beò, tha 
gach uisg' eile a' teachd a mach às a' mhuir 
mharbh ; agus a' marbhadh, cha n-eil uisge beò 
ann ach e so, uime sin deiream, feuch do 
thlachd dha le taingealachd ; mar gabh sinn ar 
heatha aimsireil ach le breith-bhuidheachas, 
cionnus bu chòir dhuinn Dia a bheannachadh 
air son a thiodhlaic do-Iabhairt. (2 Cor. ix. 14, 
15.) 'S i so beatha an anma, beatha anaghaidh 
mallachd, beatha an taobh thall do dh' ifrinn, 
an taobh thall do 'n f hàsach, an taobh thall do 
smaoin, an taobh thall do mhiann. Beatha a 
ta taitneach, beatha a ta tarbhach, beatha 
shìorruidh. 

O ! mo bhràithrean beannaichibh Dia a ta 
deanamh, agus a' toirt dhuinn a leithid so 
do dh'uisge a ta lionadh ar crìdhe le beatha agus 
subhachas. 'Nuar a b'àill le Maois cridheach- 
an chloinn Israel a ghabhail ; agus a ghabh e 
os-làimh an inntinnean a' thogail suas a chnm 
taingealachd, bu ghnà leis innseadh dhaibh, 
gun robh an tìr chum an robh iad a' dol, 'nji 



94 UISGE NA BEATHA. 

tìr anns an robh tlachd aig Dia, agus a bha 
air a h-uisgeachadh le drùchd o nèamh, seadh, 
'na '* tìr làn shruthannan uisge, do thobraichean 
anns na gleanntaibh, agus anns na cnocaibh ; 
tìr a' sruthadh le baine agus mil, ni is e glòir gach 
uile thìre." (Deut. viii, 7. Exod. ìii. 8. Lebh 
xi, 24. Aire xiv. 8.) Ach gidheadh, 
anns gach ni a thuirt Maois mu 'n tìr sin, cha 
tuirt e gu'n robh abhainn ann do dh'uisge na 
beatha ; abhainn a ta le sruthaibh a' deanamh 
subhach cathair Dhè. 

Tha 'n abhainn so a' teachd a mach à cridhe, 
Dhè, 's e so dearbh leigeil a mach innidh, oir is 
Dia beò e, 's e so a chridhe agus anam. 
^^Seadh/' deir e, *'ni mi gàirdeachas os an 
ceann chum math a dheanamh dhaibh, agus 
s-uidhichidh mi iad anns an fhearrann so gu 
deimbhinn le'm uile chridhe." (ler. xxxii. 
41.) Tha mi 'g ràdh, ma dh' fhoilsicheadh 
cridhe agus anam Dhè riamh, gur ann, ann an 
toirt uisge so na beatha, agus na rìgh-chatbrach 
o'm beil e sruthadh. Uime sin tha gach aobhar 
shaoghalta air a bhi saoilsinn guri ruith agus 
gu'n lian an crideachan agus an anmannan-san a 
ghabhas ris, an deigh Dhè le taingealachd. 
Faic mar tha Daibhidh a' labhairt ann 'san 
trear Sàlm thar a' cheud, anns na ceud chùig 
rainn, — dean thusa mar sin. 

Anns d cheathramh àite, Leis gach cliù a 
th* air a thoirt air an uisge bheò so, faodaidh 
tu breth a thoirt 'nuair a cbluinneas tu beachd, 
an teagaisg, no bharalachadh, cò-dhiù a ta e 



UISGE NA BEAfHA. 95 

ceart, no math, no fallain, no nach eil. Tha 'n 
abhainn so soilleir; *'fiorghlan, agus soilleir 
mar chriostal.'* Am beil an teagasg a ta air a 
tairgse dhut mar sin ? no'm beil e doreha measg- 
aichte le teagasgaibh dhaoine ? seall a dhuine, 
agus feuch nach eil casan luchd-aoraidh Bhaal 
an sin, air eagal gu'm beil an t-uisge air a 
shalachadh leo. Ge b e air bith uisge a ta air 
a shalachadh, cha n-e sin uisge na beatha, no 
air a' chuid is lugha, cha n-e uisge 'na beatha 
an glaine ta ann. Uime sin mar eil thu ga 
fhaighinn ann an glaine, imich suas ni's àirde, 
agus ni 's faisge air an tobar, oir mar is faisge 
a thèid thu air an tobar 's ann is ro ghlaine 
agus is soilleire a gheibh thu 'n t uisge. Uime 
sin, faigh o chèin do theagasg mar eil e math 
dlù air làmh. (lob xxxvi. 3,) tha do bheatha 
ann an cunnart tha teagasg meallta cunnartach 
tha e ro sgriosail, uime sin thoir an aire 
ciod an teagasg a dh'èisdeas tu, agus 
cionnus a dh'èisdeas tu e : oir mar thuirt mi 
mu 'n iasg, aithnichear iad air an dàth ciod an 
t-uisge anns am bi iad a* snàmh, uime sin, 
seallaibh gu math ribh fèin. 

Anns a chmgeamh àiie, Am beil uisge so na 
beatha a' ruith mar abhainn, a' ruith mar 
abhainn leathain, làin, agus domhaìn; ma tha na 
biodh duine sam bith cia be air bith cò mòr 'sa 
tha chionta, fo' eagal idir nach eil gu leòr ann 
diieth, agus ri sheachnadh a chum anamsan a 
thearnadh. Cha n-eil ni sam bith ni's 
coitcheann do mhòran, na bhi a' cur gràis 



96 TJISGE NA BEATHA. 

Dè an teagarah ; ni a ta ro mhi-iornachuidh 
do pheacach sam bith. Tha briseadh an lagha 
olc guleòir, ach tha bhi cur uile-dhiongaltais 
gràis Dè gu tearnadh uaithe sin an teagamh, 
ni's miosa na peacadh, ma 's urrainn ni's miosa 
na 'm peacadh a bhith. 

Uime sin anaim an.dòchasaich, oir 's ann riut- 
sa ta mi labhairt, leig dhiot t-an-earbsa, tilg 
dhiot t-eagal tràileil, croch do theagamhan a 
thaobh so air a* ghàradh ; agus creid, oir tha 
cuireadh gu leùir agad g' a ionnsaidh, tha 
abhainn fa d' chomhair. Agus do thaobh thn 
bhi a dh'easbhuidh toile, na cumadh sin air 
dòigh sam bith air t-ais thu, 's e abhainn do 
dh'uisge na beatha a ta 'n so ; sruthaibh do 
ghràs agus do thròcair. Tha e, mar thuirt mi, 
gu leòir ann a chum do chòmhnadh, oir bheir 
ghràs leis a dh' ionnsaidh an anma gach ni a ta 
a dh'easbhuidh air. Air an aobhar sin cha-n 
eil ni sam bith agadsa ri dheanamh, tha mi 
ciallachadh a thaobh, thu-fèin a leigheas o 
eagalan, agus o theagamhan t*anma agus o 
d' smuaintean an-dòchasach, ach òl agus a 
bhi beò gu bràth. 

Anns an Useadhamh àite, Ach ciod e so 
uìle do'n t-saogbal mharbh dhaibh-san leis an 
toil a bhi marbh ? Tha iad a* tilgeadh an 
diomhanais fèin mu'n cuairt, mar a thilgeas 
clann an crice-buiU anns an adhar, gus an sleamh- 
naich an casan agus gu'n tuit ind-fèin sios do'n 
t-sloc. Fòghnaidh so aig an àm. 



Gaelic BooJcs Sold hy Maclaclilan and Stewart. 



Harp of Caleclonia, Gaelic Songs, 82mo, seioed, 
History of Animals named in tiie Bible, 
History of Prince Charles, fcap. 8vo, dofh, 

Ditto. ditto. clieap ed'itìon, seived, 

James' Anxious Enquirer, 12mo, sewed, 
Joseph, Life of, by Macfarlane, 18mo, cloth, 
Joseph, History of, 18mo, seived, ... 
Laoidhean Eadar-Theangaichte o'n Bheurla, cloth, 
Lessons on the Shorter Catechism and the Holy 

Scriptures, by Forbes, 18mo, 
Lessons in Caelic, crown 8vo, 
Logan's The Scottish Gael, or Celtic Manners of 

the Highlanders, 2 vols, 
M'Alpine's Gaelic Grammar, 12mo, cloth, 
M'Callum's History of the Church of Christ, 8vo, 

. . . The Catholic or Universal Church, 
Maccoll's Mountain Minstrel, English Edition, 
Macdonald's (Mac Mhaistir Alistir) Gaelic Songs, 
Macdonald's (Eev. Dr) Gaelic Poems, cloth, 

... Waters of Jordan, 18mo, è'e?(;e(i, ... 
M'Gregor's (Rev. Dr) Gaelic Poems, 18mo, cloth, 
M'Intyre's (Duncan Ban) Poems and Songs, v^ith 
an English Translation of ' ' Coire Cheathaich" 
and "Ben Dorain," 18mo, ... ... ... 2 

M'Intyre (Bev. D. ) on the Antiquity of the Gaelic 

Language (in English) ... ... ... 1 6 

Mackay's (Rob Donn) Songs and Poems, 18mo, 2 6 
Mackenzie's ( A. ) History of Scotland, Eachdraidh 

na H-Alba, 12mo, cloth, ... ... ... 3 6 

Mackenzie's Beauties of Gaelic Poetry, royal 8vo, 12 

... Gaelic Melodist, 32mo, 4 

Macleod, Rev. Dr. , Sermon on the Lif e of the late, 

by Èev. John Darroch, 8vo, sewed, Is. for 6 
M'Lauchlan's (Rev. Dr) Celtic Gleanings, or 
Notices of the History and Literature of the 
Scottish Gael (in English) fcap. 8vo, cloth, 2 6 
M'Naughton (Peter) on the Authenticity of the 

Poems of Ossian (in English), 8vo, 6 

MacneiU's Neniae, and other Poems, cloth, ... 2 
Macpherson's "Duanaire," a New Collection of 

Songs, àc, never be/ore 2^Mished, cloth, ... 2 



s. 


d. 





4 





6 


3 





1 


6 


1 





1 


6 





4 





6 





4 


1 





28 





1 


6 


4 








6 


1 


6 


2 





2 


6 





2 





8 



64 South Bridge, Edinhurgh. 



s. 


d. 


6 








6 


2 








4 


3 





12 


6 





6 



GaeUo Books Sold hy Maclachlan and Stewart. 



Menzies' Collection of Gaelic Songs, 8vo, clothf ... 
Mountain Songster, Collection of Original and 

Selected Gaelic Songs, 
Munro's Gaelic Primer and Yocabulary, 12mo, 

Selection of Gaelic Songs, 32mo, ... 
Ossian's Poems, revised by Dr MXauchlan, cloth, 
Ossian and the Clyde : Fingal in Ireland, Oscar 

in Iceland, by Dr H. Waddell, 

Peden's Two Sermons and Letters, 18mo, sewed, 
Philipps' Seven Common Faults, translated by 

Kev. H. MaccoU, 12mo, 1 

Prayers and Admonitions (series of six, large 

type), in packets of 2 dozen, sorted, ... 6 

Psalm Book (General Assembly's Version), large 

type, ISmo, bound, gilt edges, 
Do. do., 18mo, cloth, ... 

Do. Smith's or Poss's, large type, 18mo, bd. 
Do. Gaelic and English, on one page, 
Poss's (WiUiam) Ga.elic Songs, 18mo, cloth, 
Sinner's (The) Friend, 12mo, sewed, 
Sixteen Short Sermons, 12mo, sewed, 
Skene's Celtic Scotland ; a History of Ancient 

Alban, Vol. L, ... , 15 

Smith's (Dr) Sean Dana, with English Transla- 

tion and Notes, by C. S. Jerram, ... ... 2 6 

Stewart's Elements of Gaelic Grammar, New 

Edition, crown 8vo, cloth, 
Sum of Saving Knowledge, 12mo, seived, 
Thomson's (Dr) Sacramental Catechism, seived, 



2 


6 


1 





2 





1 


6 


1 


6 





3 





2 



New Testament for Schools, 12mo, bound, 
Job to Ecclesiastes, 12mo, bound, 
Proverbs of Solomon, 8vo, sewed, 



3 


6 





4 





2 


1 








6 





2 



BIBLES, TESTAMENTS, AND PSALM BOOKS, 

AT VARIOUS PRICES. 



6 4 Soiitli Bridge, Edinhurgh, 









,'^;i